Dragh mu dialysis an Cinn Tìre

  • 27 Am Faoilleach 2015
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Thathas an dùil gum fosgail aonad dialysis an Ceann Loch Chille Chiarain san Òg-Mhìos.

Tha luchd-iomairt ann an Ceann Loch Chille Chiarain air NHS na Gàidhealtachd a chàineadh a thaobh oidhirp gus aonad dialysis a stèidheachadh ann an ospadal a' bhaile.

Tha triùir sa bhaile an-dràsta a tha feumach air dialysis is feumaidh iad siubhail gu ruige Alexandria airson cùram fhaighinn.

Dh'aontaich am Bòrd-Slàinte an-uiridh aonad a chur air dòigh ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an co-bhann ris a' choimhearsnachd.

Dh'iarr iad air a' choimhearsnachd cuibhrean den airgead a bhiodh a dhìth a thogail.

Tha a' bhuidheann-iomairt ionadail ag ràdh gun robhas a' sùileachadh an toiseach gun togadh iad £38,000.

Thuirt iad gun deach an t-suim sin suas is gu bheilear a-nise ag iarraidh £111,000 bhuapa.

"Feargach"

"Tha na buill againn feargach gun do thill iad thugainn airson airgead a bharrachd", thuirt cathraiche na h-iomairt coimhearsneachd, an comhairliche Dòmhnall Kelly.

"Gus an tig tairgsean air ais bho chompanaidhean aig a bheil ùidh san obair, cha bhi fios againn dè chosgas an gnothach.

"Thuirt sinn ris an NHS gum feum iad innse dhuinn dè a' chosgais a bhios ann.

"Dè thachras ma thig e air ais aig £150,000? An can an NHS gum feum a' choimhearsnachd £50,000 a bharrachd a lorg? Chan urrainn dha seo cumail a' dol", thuirt e.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun tàinig e am bàrr gum bi iad feumach air àite nas motha san ospadal son an aonaid is gur e sin a dh'fhàg gun deach a' chosgais an àird.

Tha dùil gum fosgail an t-aonad a-nise san Òg-Mhìos seach sa Ghiblean mar a bha dùil an toiseach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile