Taghadh Ball-Coise Jersey 2015

  • 27 Am Faoilleach 2015

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson farpaisean a' bhuill-coise aig Geamaichean nan Eilean 2015 ann an Jersey.

Bidh fireannaich nan Eilean Siar ann am Buidheann D còmhla ri Jersey fhèin, Eilean Mhanainn agus Alderney.

Chaidh sgioba nam ban a chur ann am Buidheann B còmhla ri Eilean Mhanainn, Gotland is Gibraltar.

Bha an taghadh air fad mar a leanas;

Farpais nam Fear

Buidheann A - Aland, Saaremaa, Greenland, Menorca

Buidheann B - Guernsey, Ynys Mon, Gotland, Gibraltar

Buidheann C - Eilean Wight, Na h-Eileanan Faclanach, Sealtainn, Hitra

Buidheann D - Jersey, Eilean Mhanainn, Na h-Eileanan an Iar, Alderney

Farpais nam Ban

Buidheann A - Aland, Guernsey, Ynys Mon, Eilean Wight

Buidheann B - Eilean Mhanainn, Na h-Eileanan an Iar, Gotland, Gibraltar

Buidheann C - Jersey, Greenland, Hitra

Bidh Geamaichean nan Eilean 2015 ann an Jersey eadar an 27mh den Òg-Mhìos agus an 3mh den Iuchar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile