"Iomairt a dhìth" mu sheirbheisean adhair

  • 27 Am Faoilleach 2015
Plèana Eastern Airways aig Port-adhair Obar Dheathain. Image copyright Mike Pennington / Geograph
Image caption Thòisich an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Obar Dheathain ann an 2006.

Feumar iomairt a dhèanamh às ùr airson dà sheirbheis adhair san là a bhith eadar Steòrnabhagh 's Obar Dheathain, a rèir Alasdair Mhoireasdan a tha a' seasamh mar thagraiche Làbarach nan Eilean Siar san taghadh am bliadhna.

Chaidh an t-seirbheis a stèidheachadh ann an 2006, ach tha Mgr Moireasdan ag ràdh nach eil clàr-ama na seirbheis a' freagairt air luchd-obrach na h-ola - an fheadhainn as motha a tha a' cur feum oirre.

Thuirt Mgr Moireasdan gun do bhruidhinn e ri stiùiriche coimearsalta Eastern Airways, agus gu bheil a' chompanaidh deònach obrachadh còmhla ri Riaghaltas Westminster agus buidhnean ionadail gus coimhead ri mar a ghabhas an t-seirbheis a bhith air a leudachadh.

Bhruidhinn e cuideachd, thuirt e, ri oifis Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Dànaidh Alexander, 's maoin ann airson ceanglaichean a dhèanamh eadar puirt-adhair mhòra agus feadhainn bheaga.

An-dràsta, bithear a' fàgail Obar Dheathain aig 12:45f agus a' ruighinn Steòrnabhaigh aig 1:40f, le seirbheis a' tilleadh à Steornabhagh aig 2:10f agus a' ruighinn Obar Dheathain aig 3:05f.

Thuirt Mgr Moireasdan gu bheil an t-seirbheis ag obrachadh "gu ìre" ach gum faodadh i a bhith na b' fheàrr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile