Cumar an Riaghaltas ri geallaidhean

  • 23 Am Faoilleach 2015
Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Chan eil iomradh san Achd air na h-ùghdarrasan Eileanach gu sònraichte.

Thèid Riaghaltasan Dhùn Èideann is Westminster a chumail ri geallaidhean a thaobh Oighreachd a' Chrùin, a rèir cheannardan Chomhairle nan Eilean Siar.

Ged nach deach na trì ùghdarrasan Eileanach ainmeachadh sna molaidhean a thaobh Oighreachd a' Chrùin, anns an dreach Bhile a chaidh fhoillseachadh Diardaoin airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do dh'Alba, tha iad ag ràdh gun do gheall an dà riaghaltas na cumhachdan a thoirt dhaibh.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dèanamh dragh dhuinn nach eil e san Achd gu sònraichte, agus cha shaoileadh sinn gum biodh e ann co-dhiù, bhon chan eil anns an Achd a tha seo ach aonta eadar an Riaghaltas ann an Lunnainn agus an Riaghaltas ann an Dùn Èideann," thuirt fear-gairm na Comhairle Tormod Dòmhnullach.

"Tha mi a' smaoineachadh nach biodh e comasach dhaibh a bhith ag ràdh gun robh iad a' dol a ghluasad rudan sìos dìreach gu ùghdarrasan ionadail.

"Ach tha sinn gu math làidir den bheachd gun coilean Riaghaltas na h-Alba na geallaidhean a rinn iadsan a thaobh ma gheibh iad an teachd-a-steach a tha an cois Oighreachd a' Chrùin, agus cuideachd na cumhachdan a tha a' tighinn na cois, gu bheil iadsan a' dol a chur a-mach nan cumhachdan sin gu ùghdarrasan ionadail, agus sinn fhìn agus Arcaibh agus Sealtainn air am bruidhinn orra gu sònraichte mu dheidhinn sin," thuirt e.