Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Npower

Tha Npower a' gearradh 5.1% far prìs a' ghas aca bho mheadhan a' Ghearrain. Tha sin a rèir an t-seòrsa ghearraidh a dh'ainmich companaidhean eile British Gas, Scottish Power, agus E.on mar thà. Tha buidhnean luchd-cleachdaidh a' gearain ge-tà, nach eil na gearraidhean sin faisg cho mòr 's a thuit a' phrìs a tha na companaidhean fhèin a' pàigheadh air a' ghas anns a' chiad àite.

Rìgh Shaudi Aràibia

Bidh tiodhlacadh Rìgh Abdullah Shaudi Aràibia an-diugh. Bha e 90, agus chaochail e an-raoir an dèidh tinneas ghoirid. Chaidh a leth-bhràthair, an Rìgh Salman, a chur na àite, 's tha esan air riaghaltas na dùthcha a ghlèidheadh an ìre mhath mar a bha e. Thuirt an Rìgh Salman nach tig mòran atharrachaidh air poileasaidh Saudi le bàs an Rìgh Abdullah.

Ebola

Tha a' chiad phàirt de bhanachdach ùr airson a' ghalair Ebola air an t-slighe às a' Bheilg an-diugh gu ruige taobh siar Afraga. Thuirt GlaxoSmithKline, a chompanaidh a dhealbh a' bhanachdach ùr, gun do chuir an èiginn a th' ann an Afraga cabhag orra le leasachadh an droga.

Tubaist-rathaid

Tha poilis a' rannsachadh tubaist anns an deach duine a bha a' coiseachd a mharbhadh nuair a bhuail làraidh ann faisg air Ceann Todhair ann an Siorrachd Obar Dheathain tràth sa mhadainn an-diugh. Bha an rathad, an A96, dùinte airson ùine, ach tha an rathad sin fosgailte a-rithist.

Ionadan-seirbheis

Tha an t-aonadh Unison ag ràdh gun caill eadar 20 agus 30 duine cosnadh ma thèid Comhairle na Gàidhealtachd air adhart le dùnadh còrr is 20 de na h-ionadan-seirbheis aca. Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh nach eil uimhir de dhaoine a' cleachdadh na seirbheis, agus gun fheàrr leotha conaltradh air a' fòn air neo air an eadar-lìon.

Bun-sgoil Uibhist a Tuath

Tha maill air a' bhun-sgoil ùir ann an Uibhist a Tuath a thèid an àite sgoiltean Loch nam Madadh, Chàirinis agus seann sgoil Phaibeil. Bha dùil gum fosgladh i am-bliadhna, ach tha ceistean mu chosgaisean agus cùisean laghail a' ciallachadh nach tachair sin gu Samhradh na h-ath-bhliadhna, agus gum bi 2017 ann mus bi na pàircean mun cuairt oirre deiseil.