Pròiseas no tachartas?

  • 22 Am Faoilleach 2015

Thuirt Dòmhnaill Dewar nach maireann cha robh fèin-riaghladh na h-Alba na thachartas ach na phròiseas.

A bheil sin fhathast fìor?

Às dèidh foillseachadh an reachdais an-diugh gus plana Mhic a' Ghobhainn a chur an gnìomh, bidh an fheadhainn a bhuannaich anns an t-Sultainn an dòchas nach eil.

A' bruidhinn ann an Dùn Èideann na bu tràithe às dèidh coinneimh le Nicola Sturgeon, thuirt am prìomhaire gur e aonta a bha seo a mhaireadh agus gum bu chòir don deasbad gluasad air adhart gu dè a bu chòir dèanamh leis na cumhachdan a tha ann.

Aig Àm nan Ceist, dh'fheuch leas-cheannard nan Làbarach, Kezia Dugdale, ri sin a dhèanamh, a' togail cheistean mu stait na Seirbhise Slàinte.

An e sin e ma-thà?

Roghainn

Tha fios againn anns an deasbad phoileataigeach an Alba, gur ann tric a thèid loidhnichean anns a' ghainmhich a sguapadh às.

Mus deach i na ceannard Thòraidheach, thuirt Ruth Davidson gur e sin a bha anns an Achd a thàinig a-mach à proiseas Coimisean Chalmain, ach cha do mhair i fada idir.

Dh'fhàg iomairt an reifrinn gum b' fheudar do phàrtaidhean an Aonaidh uile gabhail ri pasgan chumachdan nas treasa gus taic a ghlèidheadh airson an Aonaidh.

Le dìreach là no dhà air fhàgail ron bhòt, agus na cunntasan-bheachd a' sealtainn gu faodadh luchd Bu Chòir a' chùis a dhèanamh, cha robh roghainn eile aca.

An-diugh, tha na Tòraidhean, na Làbaraich agus na Lib Deamaich ag ràdh gun deach an gealltanas aca a choilionadh gus cumhachdan làidir, sùsbainteach a thoirt do Holyrood nam bhòtadh Albannaich airson fuireachd anns an Rìoghachd Aonaichte.

An chan e am beachd acasan as cudromaiche.

Dreach

Mar a rinn iad roimhe, tha an SNP airson na cumachdan seo a chur anns a' bhanca agus gluasad air adhart - dhaibhsan, 's e pròiseas a bhios ann nach stad gus an tachair an neo-eisimeileachd fhèin.

Agus, a-rithist, is choltach gum bi deagh chothrom aca uallach a chur air Westminster an loidhne a ghluasad uair eile.

Ma tha an cunntasan-bheachd ceart, agus gun cuir Albannaich cnap mòr nàiseantach do na Cumantan, canaidh Nicola Sturgeon gur e dreach dhà-rìribh a bha anns na chaidh fhoillseachadh an-diugh.

'S dòcha gu bheil a' cheist an crochadh air beachd nan daoine a bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd anns an t-Sultainn mar thoradh air a' Ghealltanas air tuilleadh chumachdan.

An creid iadsan gun deach a choilionadh, gum faca sinn an tachartas an-diugh a bheir pròiseas Dhòmhnaill Dewar gu crìch?

Mura creid, tha fios gum bi aig luchd an Aonaidh ri loidhne ùr a sgrìobadh anns a' ghainmhich.