Buile do Sgoil MhicNeacail

  • 22 Am Faoilleach 2015
Spòrs
Image caption Tha deuchainnean a' tòiseachadh ann an Sgoil MhicNeacail an ath-sheachdain, a' fàgail nach b' urrainn dhaibh siubhail, is dhiùlt Acadamaidh Mintlaw gabhail ri tairgse an gnothach a rèiteach le crannchur a dhèanamh.

Thàinig briseadh-dùil mòr gu sgioba bhall-coise Sgoil MhicNeacail aig ìre Fo 16 is droch shìde air fàgail gun robh aca ri tarraing a-mach à Sgiath na h-Alba.

Às dèidh do Sgoil MhicNeacail a' chùis a dhèanamh air Acadamaidh Chùil Lodair 5-3 san dàrna cuairt, bha còir aca a dhol an aghaidh Acadamaidh Mintlaw à Siorrachd Obar Dheathain san treas chuairt san t-Samhain.

Dh'fhàg droch shìde nach b' urrainn dha na h-Eileanaich siubhail airson an geama a chluich agus an t-seachdain seo chaidh Comann Ball-Coise Sgoiltean na h-Alba an sàs, is iad ag ràdh gum feumar an gnothach a rèiteach.

Crannchur

Tha deuchainnean a' tòiseachadh ann an Sgoil MhicNeacail an ath-sheachdain, a' fàgail nach b' urrainn dhaibh siubhail, is dhiùlt Acadamaidh Mintlaw gabhail ri tairgse an gnothach a rèiteach le crannchur a dhèanamh.

Dh'fhàg sin gun robh Sgoil MhicNeacail den bheachd nach robh dol às aca ach tarraing a-mach às an fharpais.

'S e buile mòr a bh' ann dhan sgioba às deidh dha balaich is nigheanan às an sgoil soirbheachadh gu mòr ann am farpaisean nàiseanta anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.

Thuirt Coinneach MacLeòid, a tha a' leantainn ball-coise ionadail gu dlùth, nach robh còir aig a' ghnothach tighinn chun na h-ìre seo.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh thairis air an dà mhìos mu dheireadh gu bheil sìde mì-nàdarrach air a bhith againn anns na h-Eileanan is nach robh aiseagan a' seòladh.

"Dùbhlan"

"Bha fìor dhroch shìde ann is bu chòir dha na h-ùghdarrasan air Tìr-Mòr sin a ghabhail a-steach an uair a tha iad a' dèanamh cho-dhùnaidhean a thaobh ball-coise is a thaobh sgiobaidhean a bhith a' tighinn is a' falbh gu Tìr-Mòr 'son pàirt a ghabhail ann am farpaisean. Tha dùbhlan aig sgiobaidhean às na h-Eileanan nach eil aig sgiobaidhean sam bith air Tìr-Mòr".

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil e a' meas a' ghnothaich mar fhìor cheum air ais.

"Bha dùil agam gun robh cùisean a' fàs nas fheàrr agus gun robh barrachd spèis aig ùghdarrasan ball-coise is ùghdarrasan air Tìr-Mòr dha sgiobaidhean is buidhnean anns na h-Eileanan ach a rèir choltais, chan eil. Tha iad air an co-dhùnadh a tha seo a dhèanamh is co-dhùnadh a tha gu math ceàrr", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile