Oifis Raoin-taghaidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Casg air postairean taghaidh

21 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan fhada a-nis gun tòisich postairean taghaidh a' nochdadh thall 's a-bhos, 's gun fiù 's còig mìosan ri dhol chun an taghaidh choitchinn anns a' Chèitean.

Tha deasbad a' dol mu co-dhiù bu chòir casg a bhith air na postairean sin bho bhith gan cur air togalaichean agus solais sràide.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid am measg na th' air leithid de chasg a chur an sàs.

Tha Andreas Wolff ag aithris.