Siostam glèidhidh don MV Loch Seaforth

  • 21 Am Faoilleach 2015
MV Loch Seaforth
Image caption Bu chòir gun robh an MV Loch Seaforth ann an seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul bho chionn sia mìosan.

Thàinig dearbhadh bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn gum bi e comasach do luchd-siubhail àite a ghlèidheadh air aiseagan as t-Samhradh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul bho fheasgair Diciadain.

Cha robh e comasach do dhaoine sin a dhèanamh gu ruige seo air sgàth na mì-chinnt a bha a' cuairteachadh a' bhàt-aiseig ùir an MV Loch Seaforth.

Anns na beagan làithean a dh'fhalbh tha buidhnean bathair agus buidhnean turasachd anns na h-eileanan air a bhith a' gearain mu staid na seirbheis-aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Bha còir aig a' bhàt-aiseig ùr a bhith ann an seirbheis bho chionn sia mìosan, agus tha obair a bharrachd air cidhe Ulapuil sa Ghiblean a' ciallachadh nach bi aiseag ann airson chàraichean airson còig seachdainnean.

Bha na buidheannan turasachd gu h-àraid mì-thoilichte nach robh siostam airson àite a ghlèidheadh air a' bhàta fosgailte airson an t-Samhraidh.

Bha iad a' dèanamh a-mach gun robh call luchd-turais air tighinn orra mar thà air sgàth sin.

Tha Calmac a-nis air dearbhadh gun urrainn do luchd-siubhail àite a ghlèidheadh air bàtaichean an t-Samhraidh air-loidhne bho fheasgair Diciadain 21mh am Faoilleach.

Thuirt iad cuideachd gun robh e cudromach tuigsinn gum biodh an MV Isle of Lewis air a cumail ann an Steòrnabhagh airson greis airson cuideachadhadh a thoirt don Loch Seaforth 's i a' fàs cleachdte ris an t-seirbheis.