Plèana far raoin-laighe Inbhir Nis

  • 19 Am Faoilleach 2015
Plèana Image copyright Tracey Smith
Image caption Chaidh an raon-laighe ullachadh mar a b'àbhaist air madainnean Geamhraidh mus do dh'fhosgail e, a rèir a' Phuirt-adhair.

Chaidh plèana à Manchester le 48 neach-siubhail agus ceathrar chriutha far an raoin-laighe aig Port-adhair Inbhir Nis madainn Diluain.

Cha deach duine a ghoirteachadh, agus chaidh aig a h-uile duine a bh' air bòrd air an itealan fhàgail.

Chuir an tubaist maill air cuid de sheirbheisean-adhair às agus gu ruige Inbhir Nis.

Thuirt labhraiche don Phort-adhair nach robh fianais sam bith ann gur e an aimsir fhuar a dh'adhbharaich e. Thuit i gu -12C ann am pàirtean den Ghàidhealtachd thar na h-oidhche.

Slaodach

"Aig 10:14m Diluain, thàinig itealan Dash 8, air a ruith le Flybe, a bh' air Inbir Nis a ruigsinn à Manchester, far an raoin-laighe aig Port-adhair Inbhir Nis, goirid an dèidh dha laighe.

"Dh'fhosgail am port-adhair madainn Diluain an dèidh na h-obrach àbhaistich air madainnean Geamhraidh air an raon-laighe agus rathaidean tagsaidh, a rèir an dleastanais a tha an cois ar cead.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bha an t-itealan dìreach an dèidh laighe, 's e air tighinn à Manchester.

"Chan eil fianais sam bith ann gun robh trioblaid idir leis an raon-laighe no rathaidean tagsaidh, an dèidh na h-uimhir de phlèanaichean a bhith air tighinn 's falbh sa mhadainn.

"Leis gu bheil an suidheachadh fo rannsachadh, chan fhaod sinn beachdachadh air na dh'adhbharaich e aig an ìre seo.

"Tha am port-adhair dùinte do phlèanaichean an-dràsta, agus bithidh gu ruige 2:45f. Bu chòir do luchd-siubhail clàradh mar as àbhaist airson nan tursan aca, agus tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn bho na companaidhean adhair."

Thuirt labhraiche do Flybe: "'S urrainn do Flybe dearbhadh gun tàinig cuibhlichean an itealain Q400 far uachdair an raoin-laighe, ga chur air an fheurach, agus e a' tagsaidheadh gu slaodach an dèidh dha tighinn a laighe gu sàbhailte air Port-adhair Inbhir Nis.

"Cha deach duine den luchd-siubhail agus criutha a bh' air bòrd a ghoirteachadh, agus ghabh iad às an itealan air an staidhre, far an do thog bus iad chun an cinn-uidhe. Thog iad an cuid bhagannan mar as àbhaist.

"Tha a' chompanaidh a' toirt prìomhachais do shàbhailteachd an cuid luchd-siubhail agus luchd-obrach, agus tha aithreachas air Flybe airson duilgheadas sam bith a dh'adhbharaich an tachartas seo."

Tha rannsachadh ga dhèanamh air na thachair Meur-Sgrùdaidh nan Tubaistean-Adhair.