Sneachda a' toirt buaidh air seirbheisean

  • 14 Am Faoilleach 2015
Càr far an rathaid ann am Meadhan Lodainn
Image caption Tha sneachda air na rathaidean a dhèanamh cunnartach ann an iomadh àite.

Tha sneachda a' fàgail chùisean doirbh do luchd-siubhail air feadh na h-Alba.

Tha rathaidhean air talamh àrd gu math doirbh.

Bha an A82 dùinte ann an Gleann Comhann leis an t-sneachda, agus cuideachd faisg air Inbhir Garradh an dèidh tubaiste.

Tha seirbheisean trèana a' ruith a-rithist eadar Inbhir Nis agus Peairt, ged a tha maill orra fhathast.

Bidh busaichean a' siubhail an àite an trèana feasgar eadar Sràid na Bànrighinn ann an Glaschu agus an t-Òban, an Gearasdan agus Malaig.

Tha cha-mhòr 100 sgoil air a' Ghàidhealtachd dùinte, a' toirt buaidh air còrr agus 8,500 sgoilear.

Tha atharrachadh cuideachd air feadhainn de na seirbheisean aiseig, le dùil ri tuilleadh droch shìde feasgar.