Mar a chaidh “Geama camanachd ann an àrainneachd Gàidhealaich” a lorg.

  • 14 Am Faoilleach 2015
Geama camanachd ann an àrainneachd Ghàidhealaich
Image caption Chan eil e soilleir cò an sgìre air a bheil an dealbh stèidhichte - Bàideanach? Loch Ma Ruibhe?

'S dòcha nach eil dealbh no peantadh cho ainmeil no cho cudromach an saoghal na camanachd ris an dealbh a th' air ainmeachadh mar "Highland Landscape with a Game of Shinty."

Tha e air nochdadh ann an diofar leabhraichean (leithid co-chruinneachadh MhicThòmais air 'Gaelic Scotland', agus air aghaidh eachdraidh na camanachd le Roger Hutchinson) agus air a chleachdadh gu cunbhalach air sàmhla de shaoghal a bh' ann agus nach till.

Buinidh an dealbh dha na 1840an cho fada 's a tha fios againn, agus tha dà ainm air an ceagal ris - Daniel Cunliffe à Portsmouth, agus Mac a' Ghobhainn à Mauchline - ged nach eil dearbhadh mòr sam bith againn gun robh gnothach aig fear seach fear dhiubh ann a bhith ga tharraing.

Nis, ged a tha an dealbh air a bhith follaiseach gu leòr tro sgrìobhainnean fad is farsainn, agus air fhaicinn ann an leithid leabhraichean, chan eil cus a th' air fhaicinn crochte air balla 'son an eachdraidh a tha na lùib a ghabhail a-staigh.

Taisbeanadh

'S dòcha gur e fìrinn na cùise gun robh an dealbh cho follaiseach nach robh daoine a' faighneachd fiù 's càite an robh e. Ach bha duine no dithis a bha ro-dheònach a dhol air a thòir, mi fhèin nam measg.

Laigh a' mhòr-chuid den obair rannsachaidh air Iomogen Gibbon bhon Ghailearaidh Nàiseanta agus an dèidh a bhith air a thòir 'son trì bliadhna, tha toradh na h-obrach aice a-nis a' crochadh air balla mòr a' Ghailearaidh Nàiseanta ann an Dùn Èideann.

Chunnacas am peantadh mu dheireadh ann an 1962, agus chaidh a lorg ann an cruinneachadh prìobhaideach ann an Sasainn. Tha an teaghlach leis a bheil e a-nis air cead a thoirt a chur ann an taisbeanadh nàiseanta air dealbhachadh spòrs.

Chan eil fhios le cinnt dè an sgìre den Ghàidhealtachd air a bheil an dealbh stèidhichte, ach 's dòcha gur e raon de Bhàideanach a th' ann. Tha a h-uile coltas ann gun robh deagh eòlas aig an dealbhadair air leithid na geamaichean bliadhn-ùire a bha gan cluich air a' Ghàidhealtachd mu mheadhan agus deireadh an 19mh linn.

Thuirt Ceann-suidhe ùr Chomann na Camanachd, Jim Barr, à Gleann Urchadain: "Tha sinn air leth toilichte gun deach an dealbh seo a lorg agus gu bheil e a-nis fa chomhair an t-sluaigh 'son a' chiad uair ann an 50 bliadhna. Bu mhath leinn taing a thoirt dhan teaghlach 'son a thaisbeanadh agus e a' sealltainn uimhir den eachdraidh againn agus spiorad a' gheama a tha fhathast ri fhaicinn ann an cuid de na ceàrnaidhean as eireachdaile san t-saoghal."

Tha an dealbh a-nis air ais fon phrosbaig agus aon cheist co-dhiù air a freagairt: càite bheil e? Ach tha na ceistean eile fhathast rim fuasgladh.

Cò a tharraing an dealbh? An ann da-rìribh am Bàideanach a bha e/iad a' faicinn an t-suidheachaidh? Am faic sinn a leithid a-rithist? Am bi uimhir de dh'ùidh aig daoine ann an 150 bliadhna romhainn ann an dealbhan an là an-diugh?

Tuilleadh air an sgeulachd seo