Obair-càraidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buaidh na stoirme sna h-Eileanan

13 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chuir cuid de dhaoine anns na h-Eileanan Siar seachad an ceithreamh là Diluain às aonais an dealain às dèidh droch shìde deireadh na seachdaine.

Tha gèilltean air a bhith a' cur maill air obair SSE gus an dealan a thilleadh gu daoine, ach tha iad a-niste air an dealan fhaighinn air ais dhan mhòr-chuid.

Bha mu 200 neach sna h-eileanan fhathast às aonais an dealain oidhche Luain, ach thuirt SSE gu bheil iad an dòchas gum bi an dealan air ais aca ro 10:00f.

Bha cuideachd na sgoiltean 's na h-eileanan dùinte a-rithist, agus cha robh na busaichean a' ruith gu às dèidh meadhan là.

Tha Ruaraidh Rothach ag aithris