Gearain mu aiseag Loch nam Madadh

  • 12 Am Faoilleach 2015
MV Finlaggan
Image caption Cha do sheòl an MV Finlaggan eadar Ùige agus Loch nam Madadh bho Dhiardaoin seo chaidh, ged a sheòl i air slighe an Tairbeirt.

Tha fear de chomhairlichean Uibhist air sgrìobhadh gu Buill-Phàrlamaid nan Eilean a' gearain mun t-seirbheis aiseig eadar Loch nam Madadh an Uibhist a Tuath agus Ùige san Eilean Sgitheanach.

Tha fearg air Uisdean Robasdan nach eil am bàta a an t-slighe an-dràsta, an MV Finlaggan, air seòladh à Loch nam Madadh idir bho Dhiardaoin seo chaidh.

Anns an ùine sin, tha i air corra sheòladh a dhèanamh eadar Ùige agus Tairbeart na Hearadh.

Bha mòran ann an Uibhist a Tuath a bha mì-thoilichte le seirbheis na Finlaggan air an t-slìghe sa Gheamhradh an bhon-uiridh, agus tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil na trioblaidean as ùire a' dearbhadh nach eil i a' freagairt air an t-slighe a th' ann.

Thuirt e gu bheil e "neo-chreidsinneach gu bheil CalMac a' cur aiseag nach eil freagarrach airson na slighe air ann an stoirmean a' gheamhradh - tha e dìreach uabhasach."