Dh'fhaodadh nach fhosgail Bun-sgoil Mhalaig Diluain

  • 9 Am Faoilleach 2015

Dh'fhaodadh nach fhosgail Bun-sgoil Mhallaig Diluain mar a bha dùil, ri linn na droch shìde, agus maill air obair-càraidh.

Chaidh an sgoil a dhùnadh air an 19mh den Dùbhlachd, ri linn dragh mu shàbhailteachd simileir na sgoile.

Mura tèid an sgoil fhosgladh Diluain, thathas a' comhairleachadh do phàrantan gum bu chòir clann na sgoile-àraich a dhol gu Bun-sgoil Àrasaig, agus gum bu chòir clann na bun-sgoile a dhol gu Àrd-sgoil Mhalaig aig 09:00m.

Tha duilgheadasan an lùib sgafall a thogail airson crìoch a chur air an obair.

Gheibhear fiosrachadh air Làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd an dèidh 07:00m Diluain 12na am Faoilleach, agus faodar fiosrachadh fhaighinn air a' fòn, air an àireimh 0800 564 2272 a' cleachdadh na h-àireimh PIN 04 2560 airson tuilleadh fiosrachaidh.