Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Stoirm

Tha mu 70,000 dachaigh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan fhathast gun dealan an dèidh stoirm na h-oidhche-raoir. Bha a' chuid as miosa dhith air a' chosta an iar agus anns a' cheann a tuath. Chaidh neart na gaoithe a chlàradh aig còrr is 100 m.s.u. aig amannan, agus chuir i stad agus maill air seirbheisean aiseig, seirbheisean rèile, agus bha drochaidean agus rathaidean dùinte.

An Fhraing

Chuir Poilis anns an Fhraing cearcall mu thogalach ann am baile Dammartin mu 25 mìle an ear-thuath air Paras, 's iad den bheachd gur ann a' falach an sin a tha an dithis bhràithrean a tha fo amharas mun ionnsaigh anns an deach 12 dhuine a mhurt ann am Paras a' bhòn-dè. Tha aithrisean ann gun do rinn na Poilis còmhradh ris an dithis. 'S tha aithris ann cuideachd, nach eil dearbte, gun tug iad cuideigin am bruid anns an togalach.

Ceannairc

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gur e prìomhachas nàiseanta a th' ann an lorg cheannarcach. Bha Mgr Osborne a' bruidhinn an dèidh rabhadh bho cheannard MI5, Anndra Parker, a thuirt gu bheil ceannaircich a' sìor-ullachadh phlanaichean airson ionnsaighean air dùthchannan an taoibh shiar. Thuirt Mgr Parker gu bheil al-Qaeda ag amas air Breatainn, agus gu bheil e do-dhèante do na seirbheisean tèarainteachd stad a chur air a h-uile ionnsaigh.

Abu Hamza

Cuiridh cùirt Aimeireaganach binn an-diugh air a' chlèireach radaigeach Ioslamach, Abu Hamza, a chaidh a dhiteadh airson ceannairc. Chaidh esan a chur a-mach à Breatainn bho chionn dà bhliadhna an dèidh strì fhada laghail.

Sgoil an Aodainn Bhàin

Tha plana neo-àbhaisteach aig muinntir an Aodainn Bhàin anns an Eilean Sgitheanach airson bun-sgoil na sgìre a ghlèidheadh. Tha coltas ann gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd am beachd an sgoil sin agus trì eile a dhùnadh. Tha muinntir an Aodainn Bhàin airson gun gabh a' choimhearsnachd smachd air togalach na sgoile, ach gum bi Comhairle na Gàidhealtachd a' toirt seachad seirbheis an fhoghlaim innte. Mura tèid leotha, tha iad ag ràdh gun iarr iad air Riaghaltas na h-Alba sùil a thoirt air dòighean-obrach na Comhairle.

Murt an Eilein Sgitheanaich

Thèid boireannach mu choinneimh Àrd-Chùirt Ghlaschu Diluain fo chasaid airson a' chiad mhuirt bho is cuimhne le daoine bho chionn ùine mhòir anns an Eilean Sgitheanach. Tha Sandra Ealasaid Bruce, a tha 59, fo chasaid mu mhurt Thormoid Bruce ann an taigh ann am Breacais faisg air an Ath Leathann anns a' Ghearran an-uiridh.