Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 Am Faoilleach 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconamaidh na Cruinne

Thuit luach margaidh nan earrainnean air feadh an t-saoghail le dragh mu eaconamaidh na Cruinne, prìs ìseal na h-ola, agus mì-chinnt mu àite na Grèige anns an airgead shingilte Eòrpach. Tha na prìomh mhargaidhean Eòrpach sìos an dèidh crìonadh na bu tràithe air an là ann am margaidhean Àisia.

Aillse

Thuirt an carthannas Taic Aillse Mhic a' Mhaoilein gum feum an NHS cuideachadh airson dèiligeadh ris an àireimh as motha riamh de mhuinntir na dùthcha air a bheil aillse. Tha aillse a-nise air mu 200,000 duine an Alba, àrdachadh cha-mhòr an còigeamh cuid air a' chòig bliadhna mu dheireadh. Thuirt an carthannas gu bheil sluagh nas sine, agus barrachd dhaoine a' fuireach beò le aillse, a' toirt buaidh mhòir air na h-àireamhan. Tha dùil gun èirich an àireamh air feadh Bhreatainn air a bheil aillse gu 2.2 millean air a' bhliadhna seo.

Mark Pritchard BP

Thuirt Scotland Yard gun do leig iad às an rannsachadh air casaidean èigneachaidh an aghaidh a' Bhuill-Phàrlamaid Thòraidhich Mark Pritchard, 's iad ag ràdh nach eil fianais gu leòr aca na aghaidh. Chaidh Mgr Pritchard, Ball-Pàrlamaid sgìre an Wrekin ann an Shropshire, a chur an grèim anns an Dùbhlachd, ach chaidh a shaoradh air urras fhad 's a bha an rannsachadh a' dol air adhart.

A' Ghearmailt

Bha mìltean dhaoine air sràidean na Gearmailt an-raoir, a' togail fianais mun àireimh mhòir de dh'in-imreachd dhan dùthaich sin, agus mu bhuaidh Ioslam air feadh na h-Eòrpa. Air an làimh eile bha caismeachdan mòra a' cur an aghaidh nam beachdan sin ann am bailtean mar Cologne agus Berlin.

BBC ALBA

Chuir ceannardan BBC ALBA dìon orra fhèin agus luchd-iomairt ag ràdh gu bheil dearbhadh aca nach eil dleastanas sgrìobhte air an t-sianail 500,000 de luchd-amhairc a tharraing gach seachdain. Tha a' bhuidheann iomairt Gàidhlig TV air a bhith a' gearain gu bheil cus Beurla air an t-sianail. Thuirt Màiread Màiri Mhoireach, ceannard na seirbheis, ged nach eil targaid sgrìobhte ron t-sianail, gu bheil iad a' cur àireamh luchd-amhairc romhpa mar shlat-tomhais air soirbheachas.

Flybe

Dh'iarr ceannardan Chomhairle na Gàidhealtachd coinneamh le Flybe, a dh'innis gu bheil iad a' sguir air an ath-mhìos den t-seirbheis eadar Inbhir Nis agus Port-adhair London City. Thuirt ceannardan comhairle gu bheil e tàmailteach nach do dh'iarr Flybe beachd na Comhairle ro làimh.