Duine ga ghoirteachadh am maoim-sneachda

  • 30 An Dùbhlachd 2014

Tha fireannach san ospadal ann an Inbhir Nis an dèidh dha a bhith air a ghlacadh ann am maoim-sneachda ann an Toirbheartan.

Fhuair na Poilis fios gun robh an duine, a tha 47, air a ghoirteachadh air Liathach.

Chaidh heileacoptair nam maor-cladaich agus heileacoptair bhon RAF a dh'ionnsaigh na beinne, a thuilleadh air sgioba teasairginn Thoirbheartain.

Thuirt na Poilis gun deach an duine dhroch ghoirteachadh, ach nach eil a bheatha ann an cunnart.