Prothaidean Global Energy suas

  • 29 An Dùbhlachd 2014
Gàradh Bhàgh an Eige Image copyright Global Energy Group
Image caption Caillidh cuid de luchd-obrach na buidhne mu Linne Chrombaidh an cosnadh.

Dh'innis a' chompanaidh Global Energy Group gun do dh'èirich an cuid phrothaidean gu mòr, dìreach beagan sheachdainnean an dèidh dhaibh innse gun caill cuid den luchd-obrach aca air Linne Chrombaidh an cosnadh.

Thuirt a' chompanaidh gun do dh'èirich an teachd-a-steach aca 32% gu £472m sa bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt.

Dh'èirich na prothaidean aca bho £18.8m gu £28m.

Thuirt a' chompanaidh gur e mar a chaidh crìoch a chur air a' chiad phàirt de leasachadh aig a' ghàradh aca ann am Bàgh an Eige a chuir ris na prothaidean aca.

Leudachadh

Na bu thràithe san Dùbhlachd, dhearbh a' chompanaidh, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, gun do chaill cuid den luchd-obrach aca air Linne Chrombaidh an cuid cosnaidh, ri linn mar a thuit prìsean na h-ola 's a' ghas.

A' foillseachadh an cuid torraidhean ionmhais, thuirt a' chompanaidh gun robh gnothaichean na mara 's na loidistic aca "air fàs gu mòr" tron bhliadhna, ri linn 's gun d' fhuair iad cothrom air Gàradh Bhàgh an Eige.

Tha a' bhuidheann a-niste ag iarraidh cead cala ùr a stèidheachadh aig Bàgh an Eige, ag ràdh gu bheil sin a dhìth mar thaic do ghnothaichean a th' aca an dà chuid ann am Bàgh an Eige fhèin, agus ann an Inbhir Ghòrdain.

"Cuiridh a' bhuidheann £20m an sàs gu deireadh na bliadhna-ionmhais seo gus an dàrna pàirt den leasachadh aig a' ghàradh a chrìochnachadh," thuirt Àrd-Stiùiriche na companaidh, Iain MacGriogair.

"Fàgaidh seo port aig sàr-ìre ann am Bàgh an Eige, le cala domhain far nach eil ach goireasan cidhe an-dràsta.

"Leigidh an tasgadh seo le ar gnothaichean loidsisticeach fàs, agus cuidichidh e a' chompanaidh ann a bhith a' faighinn chùmhnantan eile an dà chuid a thaobh chumhachd ath-nuadhachail, agus ann an ola is gas.

"Tha an teachd-a-steach seo nas ro-innsich, agus nas leantainnich. Cuide ri pròiseactan an doca thioraim, fàgaidh sin a' chompanaidh nas seasmhaiche."

Thuirt e cuideachd: "Ri linn mar a thathas an dùil gun crìon pròiseactan san Rìoghachd Aonaichte, (ri linn prìs na h-ola), cuiridh a' bhuidheann ris a cuid ghnothaichean mara gu h-eadar-nàiseanta, ag amas air cothroman agus co-phròiseactan mun Mhuir Mheadhan-Thìrich, san Ear-Mheadhanach, agus ann an Àisia.

"Bidh sinn cuideachd ag amas air cothroman airson cur ri margaidhean na buidhne a thaobh ghnothachas a' phròiseas agus na h-uidheamachd, ag amas gu sònraichte air fàs a thoirt air ar cuid teachd-a-steach bho thùsan niuclasach, peatro-cheimigeach, agus uisge."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile