Dragh mu sheirbheis A&E

  • 29 An Dùbhlachd 2014
Ospadal an Ràthaig Mhòir Image copyright Richard Dorrell
Image caption Thàinig air euslaintich ann an Inbhir Narann a dhol gu Inbhir Nis no Eilginn Là na Nollaige.

Tha dragh air nochdadh às dèidh dha thighinn am follais gun deach aonad tubaist is èiginn Ospadal Inbhir Narann a dhùnadh Là na Nollaige air sgàth dìth luchd-obrach.

Dh'innis Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd Là na Nollaige fhèin gum biodh an t-aonad dùinte eadar 1:00f is 7:30f.

Dh'iarr iad air euslaintich a bha feumach air taic èiginnich a dhol dhan ospadal ann an Inbhir Nis neo Eilginn.

Thuirt fear-labhairt bhon Bhòrd nach b' e co-dhùnadh furasta a bh' ann dhaibh ach gun do dh'fhaillich e orra luchd-obrach gu leòr fhaighinn gus an t-aonad a chumail fosgailte.

Aithreachas

Thuirt e gun robh aithreachas orra airson duilgheadas sam bith a chaidh adhbhrachadh leis a' cho-dhùnadh.

Tha am ball Tòraidheach dhan Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Màiri Scanlon, am measg na tha iomagaineach mun ghnothach.

"Tha e a' cur dragh orm gun deach an t-aonad a dhùnadh Là na Nollaige, gu h-àraidh an uair a bha aimsir glè fhuar againn," thuirt i.

"Bu chòir do Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd mìneachadh ceart a thoirt do mhuinntir Inbhir Narann carson a thachair seo agus gealltanas a thoirt dhaibh cuideachd gun dèan iad na 's urrainn dhaibh gus nach tachair e a chaoidh tuilleadh."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile