Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

24 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha luchd-iomairt a' cumail a-mach gu bheil reubaltaich na Stàit Islamaich air itealan bhon cho-bhanntachd eadar-nàiseanta a thoirt gu talamh an an ceann a tuath Shiria. Thuirt Buidheann-Fàire Choirichean Shiria - a tha stèidhichte ann am Breatainn - gu robh iad a' tuigsinn gur ann à aon dhe stàitean Arabach a bha an t-itealain - a thàinig sìos faisg air baile Raqqa. Tha luchd-taic IS air dealbhan fhoillseachadh - a tha iadsan ag ràdh - a tha a' sealltainn poidhleat à Iòrdan air a chuairteachadh le luchd-gunna.

Tubaist Ghlaschu

Theid aifreann a chumail an-diugh aig cathair-eaglais Ghlaschu mar chuimhneachan air an t-sianar a chaill am beatha nuair a bhual làraidh sgudail annta ann am meadhan a bhaile. Chaidh na ceudan de choinnealan agus dìtheanan fhàgail le daoine faisg air làrach na tubaist. Tha còignear fhathast san ospadal an dèidh na thachair. Aig a cheart àm, tha stòras-airgid ga chuir air bhonn le comhairle a' bhaile son taic a chumail ris an fheadhainn a dh'fhulaing ri linn na thachair.

Missouri

Tha na polais ann an stàit Missouri ann an Amerigaidh air dearbhadh gun do loisg aon dhen na h-oifigearan aca air deugaire dubh - ga mharbhadh. Thuirt na polais gun do thog am balach, aois 18, gunna - 's coltas ann gu robh e ag amas air an oifigear. Thachair seo ann am baile Berkeley - ceàrnaidh de St Louis a tha faisg air baile Fheargasdain far an deach an deugaire Mìcheal Brown - nach robh armaichte - a mharbhadh le oifigear poilis sa Lùnasdal.

Cruinn-ghaoithe

Tha a' chompanaidh Point and Sandwick Power ag ràdh gum faodadh iad barrachd air na trì maoilnean gaoithe a tha iad a' togail an dràsda, a chuir suas. Tha bunaitean nam muileann gaoithe, aig Beinn Ghrìdeig an iar air Steòrnabhagh, deiseil, ach cha tig na maoilnean fhèin gu st-earrach.

Sony

Chuir an ceann-suidhe Obama fàilte air co-dhùnadh na companaidh Sony Pictures, am fiolm connspaideach aca, tha Interview, a shealltainn. Bha a' chompanaidh air a ràdh nach sealladh iad am fiolm, a tha a' magadh air ceannard Chorea a Tuath, às dèidh mar a chaidh maoigheadh orra air an eadar-lìon. Thèid am fiolm a shealltainn ann an dhiofar thaighean-dealbh air Là na Nollaige.

Arctic Convoy

Tha buidheann de sheann mhàraichean Ruiseanach a' tadhal air a' Ghàidhealtachd an-diugh 's iad a daighneachadh nan ceanglaichean a chaidh a stèidheachdadh aig àm an dàrna chogaidh nuair a bha na convoys a' seòladh à Alba dhan a' Ruis. Theid fàilte a chuir air na laoich aig cuirm shònraichte a thèid a chumail aig Talla Bhaile Inbhir Nis.