Obair mhòr a dhìth air Eaglais na h-Aoidhe

  • 19 An Dùbhlachd 2014
Eaglais na h-Aoidhe
Image caption Tha cuid de na h-uaighean sa chladh a' dol air ais chun na 12mh linn.

Tha ceist ann mu cò às a thig airgead airson leasachadh a dhèanamh air seann eaglais ann an Leòdhas às dèidh mar a chaidh pìos de bhalla-mara, a bha ga dìon, a sguabadh air falbh ann an stoirm a bh' ann bho chionn ghoirid.

Tha dragh ann a-nis gum faodadh an eaglais fhèin a bhith ann an cunnart mura tèid obair a dhèanamh air an làraich anns an aithghearrachd.

Thòisich obair-càraidh Diardaoin air cuid de na h-uaighean - feadhainn aca a' dol air ais chun na 12na linn - às dèidh mar a chaidh am fosgladh anns an droch shìde.

Crìonadh a' chladaich

Thuirt Alasdair MacLeòid, a tha na bhall de dh'urras na h-eaglaise, gum feum obair a bhith air a dèanamh airson an làrach a dhìon anns an eadar-ama, fhad 's a thèid coimhead ri dè tha a dhìth anns an ùine fhada.

"Tha a' mhuir ag ithe a-steach fad na tìde ... cladhaidh a' mhuir a-steach a-rithist ma bhios geile eile ann agus 's e sin an cunnart as motha - aon de na làithean sin, nach bi an eaglais ann," thuirt e.

Chaidh obair a dhèanamh roimhe airson an eaglais a dhèanamh dìonach agus tha dùil gur e sin a dh'fhàg nach deach tuilleadh call a dhèanamh oirre an turas seo.

Thuirt an Comh. MacLeòid gu bheil iad a' faighinn taic bho dhiofar bhuidhnean nan oidhirpean, ach gum feum iad slighe a lorg a fhreagras orra uile.

Tha riaghailtean teann, thuirt e, aig Alba Aosmhor ris am feum iad gabhail.

Tha e ag ràdh ge-tà, gu bheil e gu math cudromach gun lean an iomairt aca gus an gabh an eaglais a ghlèidheadh.

"Tha i tarraingeach do dhaoine - tha an t-uabhas de dhaoine a' tighinn an seo as t-Samhradh - luchd-turais, feadhainn aig a bheil ceangal ris an sgìre - agus tha e gu math cudromach gun cùm sinn a' dol leis an t-strì againn fhìn airson dèanamh cinnteach gum bi an eaglais air a dìon anns na bliadhnaichean ri thighinn".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile