Am prìosan do dhràibhear-dibhe

  • 18 An Dùbhlachd 2014
Murray Geadais Image copyright CIARAN DONNELLY
Image caption Dh'aidich Murray Geadais gun robh e ciontach de a bhith ag adhbharachadh bàs Mhgr MhicCoinnich.

Fhuair duine aig an robh tubaist-rathaid is e fo bhuaidh na dibhe anns an do bhàsaich caraid dha naoi bliadhna anns a' phrìosan.

Bha Murray Geadais, 37, às Obar Lobhair ann am Moireibh, air aideachadh mu thràth gun do dh'adhbharraich e bàs Ghreame MhicCoinnich le bhith a' dràibheadh gu cunnartach air an A941 eadar Creag Eileachaidh agus Ràthais anns a' Chèitean am-bliadhna.

Chaidh Mgr MacCoinnich, a bha 37 agus a bhuineadh do Ràthais, a thigeil às a' charbad às dèidh do Gheadais a dhol far an rathaid aig lùb.

Dh'innis Geadais dhan chùirt gun do dh'fhàg e taigh-seinnse leis an Audi A3 aige is e air fàs sgìth a' feitheamh ri tacsaidh.

Bha neach a chunnaic e ag ràdh gun robh e a' dràibheadh garbh luath, agus bha neach-fianais ag ràdh gun do chaill e smachd air a' charbad aig lùb 's gun do chur an càr caran anns an adhar trì tursan.

Thuirt am Morair Glennie aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun do chaill Geadais dlùth-charaid agus gun robh e a' gabhail aithreachais mu na rinn e - ach gun do chaill an teaghlach MacCoinnich mac, bràthair, fear-pòsta agus athair.

Image copyright Not specified
Image caption Chaidh Graeme MacCoinnich a thilgeil às a' chàr.

Bha e ag ràdh gum biodh Geadais air binn 11 bliadhna fhaighinn mur a biodh e air aideachadh gun robh e ciontach.

Chaidh casg dràibhidh 12 bliadhna air cuideachd.