Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pagastan

Thèid binn bàis airson ceannairc a stèidheachadh às ùr ann am Pagastan, là an dèidh ionnsaigh Taliban anns na deach còrr is 130 cloinne a mharbhadh. Tha trì là de chaoidh nàiseanta ann, agus chaidh tòiseachadh a' tiodhlacadh nam marbh ann am baile Peshawar, ann an ceann an iar-thuath na dùthcha. Tha Prìomhaire Phagastan, Narwaz Sharif, a' deasbad na cùise an-dràsta le ceannardan poileataigeach eile na dùthcha.

Sidnidh

Dh'òrdaich Prìomhaire Astràilia, Tony Abbot, rannsachadh farsainn an dèidh sèist aig taigh-bidh ann an Sidnidh Diluain anns an deach dithis a bha am bruid agus fear-gunna a mharbhadh. Thuirt Mgr Abbot gu bheil esan airson faighinn a-mach carson a bha cead gunna aig an duine, aig an robh, le fios dha na h-ùghdarrasan, beachdan làidir radaigeach.

Cion-cosnaidh

Thàinig an àireamh gun chosnadh ann an Alba a-nuas 11,000 eadar an Lùnastal agus an Damhair. Air feadh na Rìoghachd Aonaichte, thuit an àireamh còrr is 60,000 gu beagan nas lugha na 2,000,000. Tha ìre chion-chosnaidh na h-Alba aig 5.6%, nas lugha na tha ìre Bhreatainn gu lèir, aig 6%.

Ministearan Gèidh

Ghabh Eaglais na h-Alba ceum nas fhaisge air cead do choithionalan a bhith a' fastadh mhinistearan gèidh. Tha mòr-chuid de chlèirean air bhòtadh a-niste airson sin, agus bidh co-dhùnadh ann aig Àrd-Sheanadh na h-ath-bhliadhna. Tha ministearan agus coithionalan air an Eaglais fhàgail mar thà, ri linn na connspaid.

Casg-breith

Dh'innis Prìomh-chùirt na Rìoghachd Aonaichte do dhithis mhnàthan-glùine Caitligeach nach eil cead aca a bhith a' seachnadh a bhith os cionn luchd-obrach a tha an sàs ann an casg-breith. Bha an dithis, Mary Dugan agus Connie Wood ag argamaid gun robh còir aca a bhith a' seachnadh obair sam bith co-cheangailte ri casg-breith. Tha co-dhùnadh na Prìomh-chùirte a' cur às do riaghladh a rinn Cùirt an t-Seisein nam fàbhair.

Murt

Tha gille a tha 13 bliadhna de dh'aois sa Chùirt ann an Lunnainn an-diugh fo chasaid mu mhurt ann an ceann a tuath a' bhaile. Chaochaill Christopher Barry, a bha 53, an dèidh aon bhuile sgeine aig starsaich a dhachaigh ann an sgìre Edmonton oidhche na Sàbaid. Leig na Poilis ceathrar ghillean eile a tha 13 agus 14 bliadhna de dh'aois, ma sgaoil air urras.

An t-Iasgach

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad riaraichte le aonta ùr an iasgaich. Ged a tha gearraidhean ann an cuid de chuota a' chosta an iar, tha na h-uimhir de dh'àrdachadh air cuota na h-Alba an dèidh na coinneimh anns a' Bhruiseil, agus cha deach an ùine a gheibh bàtaichean aig muir a ghearradh nas motha. Tha barrachd chuota anns a' Chuan a Tuath airson muasgain-chaoil agus mac làmhaich, a bharrachd air iasgach na h-adaige air a' chosta an iar. Ach tha cuota nas lugha ann dhan mhuasgan-chaol agus iasgach na cuidhteige mun iar.