Buidheann còmhdhail ùr an Slèite

  • 17 An Dùbhlachd 2014
Aiseag Armadail
Image caption Tha duilgheadasan ann, a rèir na buidhne, le ceanglaichean còmhdail san sgìre.

Tha buidheann ùr ann an ann an Slèite san Eilean Sgitheanach an dòchas leasachadh a thoirt air goireasan còmhdhail na sgìre.

Tha an fheadhainn a tha an sàs ann ag ràdh gum biodh buannachdan ann do luchd-còmhnaidh cho math ri luchd-turais.

"Gu h-àraid airson dèanamh cinnteach gum bi na seirbheisean còmhdhail a' tighinn a rèir a chèile. Gum bi an dàrna cuid a' fighe a-steach air an fheadhainn eile," thuirt Cathraiche na buidhne, Ruairidh Moireach.

"Tha sinn air eisimpleir a chluinntinn air an t-Samhradh a bha seo far an robh am bàt-aiseig a' tighinn a-steach chun a' chidhe ann an Armadail, agus mus ruigeadh na daoine a bha airson siubhail suas an eilean, bhiodh na busaichean air falbh.

Coinneamh Phoblach

"Mar sin dheth, chan eil sin ceart idir idir.

"Tha sinn airson bruidhinn ris an fheadhainn a tha a' toirt seachad nan seirbheisean sin - muinntir Chal Mac, luchd nam busaichean, luchd nan trèanaichean, agus mar sin air adhart - airson gum bi a' chòmhdhail againn air a co-òrdanachadh ann an dòigh a fhreagras air an luchd-cleachdaidh, luchd-turais, agus gu h-àraid oileanaich na colaiste.

"Tha sinn air an iomall ann an seo. Cha-mhòr nach e eilean a th' ann an Slèite.

"Chan eil sinn air na rathaidean mòra far a bheil luchd-turais a' tighinn far na drochaid, 's a' dèanamh orra sìos an eilean.

"Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil feum againn air coimhead ri seo gus am faigh sinn seirbheis còmhdhail a bhios cothromach, agus gum faigh daoine cothrom a bhith a' tighinn a Shlèite, agus gum bi cinnt aca gum faigh iad ann is às mar a tha iad ag iarraidh.

"Tha sinn air a' bhuidheann a stèidheachadh, tro Chomhairle Coimhearsnachd Shlèite, agus tha coinneamh phoblach gu bhith againn tràth sa bhliadhna ùir, far am faigh am mòr-shluagh cothrom air tighinn chun na coinneimh, agus 's màithde cuid aca a thighinn còmhla rinn air a' bhòrd.

"Daoine aig a bheil ùidh anns a' chùis, agus daoine a th' airson leasachaidhean fhaicinn.

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn buidheann mhath, làidir, a bhios a' tagradh às leth mhuinntir Shlèite far a bheil sin feumach," thuirt e.