Slaic air a' Chomhairle mu Bhad a' Ghiuthais

  • 11 An Dùbhlachd 2014
Am Monadh Ruadh Image copyright Richard Webb / Geograph
Image caption Bha òigridh a' faighinn cothrom air cuir-seachad air a' bhlàr a-muigh aig Bad a' Ghiuthais.

Tha buaireadh a thaobh mar a chailleas òganaich feadh na Gàidhealtachd cothrom air cuir-seachad air a' bhlàr a-muigh aig ionad cuir-seachad Bhad a' Ghiuthais an Srath Spè a' dol am meud.

Thàinig e am follais an t-seachdain seo gun sguir Comhairle na Gàidhealtachd an t-ionad a chleachdadh air sgàth eas-aonta le Urras Srath Spè, leis a bheil e.

Bha ceithir loidsichean aig a' Chomhairle aig Bad a' Ghiuthais is aonta màil coig bliadhna fichead aca leis an Urras.

An uair a ghluais a' Chomhairle na seirbheisean cuir-seachad aca gu lèir fo sgèith HighLife Highland ge-tà, dhiùlt an t-Urras cumhnant ùr a dhèanamh leis a' bhuidhinn sin.

Thuirt iad gun toireadh e buaidh air inbhe cathrannais an urrais.

Doirbh

Thuirt a' Chomhairle gun robh an t-Urras air a bhith doibh dèiligeadh leotha, 's gun robh iad air bagairt na loidsichean a thoirt bhon Chomhairle agus airgead poblach a fhuair iad airson an aonta 25 bliadhna a chumail.

Ach tha an t-Urras ag ràdh a-nise nach eil sin fìor.

Thuirt iad, seach gu bheil an t-aonta màil a' tighinn gu ceann tràth, gum pàigh iad air ais a h-uile sgilinn.

Dh'fhàg iad air Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd nach robh aca ach "smoke and mirrors" ann an oidhirp falach mar a chuir iad fhèin dàil às dèidh dàil anns na còmhraidhean airson aonta ùr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile