Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sìde

Tha an droch shìde a' toirt buaidh mhòr air iar-thuath na h-Alba an-diugh le taighean gun dealan agus aiseagan gan cur dheth. Chaill an t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar an dealan air sgàth dealanaich ann an Cille Chuimein dìreach às dèidh 09.00 anns a' mhadainn an-diugh. Uile gu lèir, tha 27,000 dachaigh gun dealan. Thuirt SSE gu bheil iad an dòchas an dealan fhaighinn air ais taobh a-staigh trì uairean a thìde.

Tha an aimsir fhathast a' toirt buaidh air na seirbheisean aiseig a' chost an iar. Thuirt Cal Mac gun do chuir iad grunnan sheirbheisean dheth anns a' mhadainn an-diugh, ach gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh tron là agus gur dòcha gun seòl iad ma shocraicheas a' ghaoth.

Tha tòrr sgoiltean dheth anns an iar-thuath cuideachd, trì a dhùin bho chionn ghoirid; Bun-sgoil is Sgoil-àraich Chille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach agus Bun-sgoil a' Phluic.

Drabasdair

Fhuair an DJ, Ray Teret, a bha na charaid dha Jimmy Savile, binn prìosan 25 bliadhna ann am Manchester an-diugh. Chaidh fhaighinn ciontach gun tug e ionnsaighean - èigneachadh nam measg - air aon nighean-sgoile deug anns na trì ficheadan agus anns na seachdadan.

Tramaichean

Tha an duine a tha os cionn sgrùdadh poblach tramaichean Dhùn Èideann air cantainn gu bheil cuid de dhaoine aig an robh pàirt cudthromach anns a' phròiseict air diùltadh co-obrachadh leis. Thuirt am Morair Hardie ris a' BhBC gum bi an rannsachadh aige cruaidh agus èifeachdach.

Jihadi

Chaidh còrr air 5,000 duine air feadh an t-saoghail a mharbhadh ann an ionnsaighean jihadi air a' mhìos a dh'fhalbh. Fhuair rannsachadh a rinn am BBC gur e ceannarcaich bhon Stàid Islamaich ann an Iorac is Siria a bh' air cùlaibh a' mhòr chuid de na h-ionnsaighean.

Obraichean

Thèid 150 cosnadh a chruthachadh le companaidh seirbheis ola. Tha an Wood Group air cùmhnant luach $750m fhaighinn bho BhP. Bidh an obair a' gabhail a-staigh grunnan àiteachan aig muir agus goireasan ann an Inbhir Ghrainnse cuideachd.

Slèite

Dh'iarr Comataidh Cùl Cinn Shlèite air uachdaran na sgìre, Urras Chloinn Dòmhnaill, an talamh a thoirt dha na croitearan mur a h-urrainn dhaibh a stiùireadh ann an dòigh iomchaidh. Dh'aontaich a' chomataidh an-raoir moladh do chroitearan gun gabhail ri àrdachadh màil a tha an t-urras a' cur orra - àrdachachadh cho mòr ri 5000% ann an cuid de shuidheachaidhean. Tha an t-Urras ag ràdh gu bheil 40 bliadhna ann bho chaidh am màl an àrda.