Dòrnach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Eaglais Shaor Dhòrnaich

11 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Dòrnach a-nise air ais ag adhradh anns an eaglais aca fhèin, an dèidh dà bhliadhna de leasachadh air an togalach.

Chosg e còrr air £200,000 's fhad 's a bha an leasachadh a' dol air adhart, bha iad ag adhradh anns an sgoil faisg air laimh.

Bidh cothrom aig a' choimhearsnachd na goireasan ùra a chleachdadh agus mar chomharra air an sin, bidh là fosgailte san eaglais Disathairne.