Planaichean Phort Rìgh gan taisbeanadh

  • 10 An Dùbhlachd 2014
Planaichean
Image caption Tha dùil gum bi an sgoil ùr deiseil ann an 2017 aig a' char as fhaide.

Thèid na planaichean airson Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a thaisbeanadh dhan t-sluagh sa bhaile Diardaoin is Dihaoine.

Às dèidh bliadhnaichean de dheasbad agus dàil air a' phròiseict, tha Comhairle na Gàidhealtachd an dòchas gum bi an sgoil ùr fosgailte ann an 2017 aig a' char as fhaide.

Chuir iad taic ri plana luach £12m airson bun-sgoil agus òsdail ùr.

Chosgadh an òsdail ri taobh Àrd-sgoil Phort Rìgh timcheall air £3.7m agus a' bhun-sgoil, a bhios air a togail air an làraich far a bheil an òsdail an-dràsta, mu £8.3m.

Feumar an òsdail a thogail an toiseach mus tòisich obair air a' bhun-sgoil.

Connspaid

Bha connspaid ann na bu thraithe am bliadhna an uair a dh'iarr Comhairle Choimhearsnachd Phort Rìgh air Comhairle na Gàidhealtachd baileat eile a chumail air am bu chòir bun-sgoil Ghàidhlig a thogail sa bhaile.

Cha do ghabh a' Chomhairle ris an iarrtas.

"Tha a h-uile sian air a dhol sàmhach timcheall air sin cho fad 's a tha mi a' faicinn", thuirt an comhairliche Sgitheanach, Hamish Friseal.

"Tha sinn air na planaichean a tha seo a chur air adhart agus tha sinn air rannsachadh a dhèanamh am measg a' phobaill. Thèid sinn air adhart leis an sgoil ùr a tha seo", thuirt e.

Bidh na planaichean air an taisbeanadh an Tigh na Sgìre am Port Rìgh feasgar is oidhche Dhiardaoin agus sa madainn Dihaoine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile