TurasG

  • 9 An Dùbhlachd 2014
Foillseachadh TurasG
Image caption Tha an làrach-lìn ag amas air turasachd a bhrosnachadh eadar a' Ghàidhealtachd 's an Ghaeltacht.

Thèid feuchainn ri turasachd eadar Gàidhealtachd na h-Alba agus Gaeltacht na h-Èireann a bhrosnachadh le iomairt ùr a chaidh a chur air bhog ann an Inbhir Nis Dimàirt.

'S e CeangalG, a bhrosnaicheas ceanglaichean eadar Alba agus Èirinn, a th' air cùlaibh na làraich-lìn TurasG far am faighear fiosrachadh mu chultar agus cànan an dà sgìre.

Tha Stiùiriche CeangalG, Alasdair Moireasdan, ag ràdh gur e goireas gu math feumail a bhios ann.

"Ge bith dè an rud anns a bheil ùidh agad, faodaidh tu am fiosrachadh sin a thional agus turas dòigheil a chur - agus tha an aon rud fìor ma tha thu a' tighinn à Èirinn a dh'Alba", thuirt e.

"Tha seo airson a bhith a' brosnachadh turasachd agus aig a' cheann thall 's e gnìomhachasan anns an dà sgìre a bhuannaicheas agus buannaichidh na daoine a thèid a-null".

Bidh fiosrachadh ri fhaighinn air an làraich mu chaochladh chuspairean leithid eachdraidh, an àrainneachd agus creideamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile