Uàrdan ospadail air an dùnadh

  • 9 An Dùbhlachd 2014
Noro-bhìoras
Image caption Tha comharran de noro-bhìoras air euslaintich ann an dà ospadal air a' Ghàidhealtachd.

Chaidh uàrdan ann an Ospadal Rìoghail a' Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis agus Ospadal Inbhir Narann a dhùnadh 's euslaintich a' nochdadh chomharran de thinneas dìobhairt a' Gheamhraidh, neo noro-bhìoras.

Tha ochdnar euslainteach air fàs tinn ann an Ospadal Rìoghail a' Chinn a Tuath, agus dithis eile ann an Ospadal Inbhir Narann.

Chan eil e dearbhte fhathast gur e dha-rìribh noro-bhìoras a th' air na h-euslaintich.

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine fuireach air falbh bho na h-ospadalan ma tha tinneas dìobhairt orra fhèin neo air cuideigin a tha a' fuireach còmhla riutha, neo ma bha e orra bho chionn dà là.

Mholadh iad do dhaoine air a bheil tinneas dìobhairt fuireach a-staigh, uisge gu lèor òl agus paracetamol a ghabhail ma tha sin a dhìth.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile