Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Murt is Marbhadh

Bha an àireamh as lugha de mhurt is marbhadh riamh ann an Alba air a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt. Bha 60 cùis ann, sin trì nas lugha na bh' ann air a' bhliadhna ron a sin. Tha na h-àireamhan ag innse gum b' aithne do 70% de na chaill am beatha am pearsa a rinn am marbhadh.

Poilis West Midlands

Thug Poilis West Midlands rabhadh dha na h-oifigearan agus luchd-obrach a bhith air am faiceall an dèidh aithris gun deach maoidheadh orra gun deadh oifigear a chur am bruid no a mhurt. Thuirt na Poilis nach eil cunnart sam bith ann ge-tà dhan mhòr-shluagh.

Tesco

Thàinig mu 10% far luach nan earrainnean aig Tesco an dèidh rabhadh eile bhon chompanaidh mu phrothaidean. Tha Tesco ag ràdh nach dèan iad ach mu £1.4bn air a' bhliadhna-ionmhais seo seach an £2bn ris an robh dùil.

Droch Shìde

Tha droch shìde a' toirt buaidh air a' mhòr-chuid de sheirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn an-diugh. Tha rabhadh mu neart na gaoithe cuideachd air Drochaid Cheasaig, Drochaid Dhòrnaich, tha casg air astair gu 40 m.s.u. air Drochaid Fhoirthe, agus tha Drochaid an Eilein Sgitheanaich dùinte do charbadan àrda. Tha rabhadh buidhe aig Oifis na Sìde mu neart na gaoithe air a' chosta an iar a-nochd fhathast agus a-rithist a-màireach.

Màl Chroitean Shlèite

Bidh coinneamh aig croitearan ann an Slèite san Eilean Sgitheanach a-nochd, agus an t-uachdaran, Urras Cloinn Dòmhnaill, a' cur a' mhàil aca suas gu mòr - suas ri 5000% ann an cuid de chùisean. Chuir an t-Urras litrichean gu mu 50 croitear ann an Slèite ag innse gu bheil an t-àrdachadh stèidhichte air sgrùdadh a rinn iad air luach an fhearainn agus na th' aig gach croitear dheth.

An CIA

Chuir na Stàitean Aonaichte tuilleadh tèarainteachd an sàs aig na goireasan aca air feadh an t-saoghail, agus dùil ri aithisg a nì càineadh air an dòigh sam biodh an CIA a' ciùradh phrìosanach. Nì an aithisg bhon t-Seanadh cunntas air iomairt an CIA an aghaidh ceannairc al Qaeda an cois nan ionnsaighean air Aimeireaga san t-Sultain ann an 2001.