Dragh gum bi tuiltean mu Chabhsair a Deas

  • 9 An Dùbhlachd 2014
An Fhadhail a Deas Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dragh gun cuir Loch Bì thairis mur a tèid obair a dhèanamh air a' chabhsair 's air a' gheata.

Feumaidh an cabhsair eadar Uibhist a Deas agus Beinn nam Fadhla a leasachadh anns a' bhad, a rèir fhir de chomhairlichean na sgìre.

Tha gluasad na gainmhich air an Fhadhal a Deas a' cur bacadh air uisge a' fàgail Loch Bì, agus tha Comhairle nan Eilean Siar fhathast gun an geata eadar an loch sin agus an fhadhal a chàradh.

Tha Raghnall MacFhionghain ag ràdh gum feumar obair a dhèanamh air a' chabhsair san aithghearrachd neo gum bi taighean dhaoine ann an cunnart.

"Mar a tha mise a' cluinntinn tha iad a' coimhead air taobh Bheinn nam Fadhla, ach tha e ceart gu leòr dhaibh a choimhead air sin," thuirt e.

"Ach gun cuir iad air dòigh an cabhsair, tha an trioblaid a tha sin gu bhith ann fad an t-siubhail," thuirt e.

"Sin a tha mi a' feuchainn ri chantail leotha fad an t-siubhail.

"Tha fhios agam gu bheil e a' dol a chosg tòrr airgid, ach co mheud bliadhna a th' ann o bha an stoirm mhòr aca?

"Nam biodh iadsan air faighinn airgid a h-uile bliadhna agus an t-airgead a ghlèidheadh los gun deirg iad am fosgladh eile a chur ann, los gun deirg sinn air faighinn seachad air an trioblaid seo.

"Chun am bi drochaid eile air a' chabhsair, tha sinn gus a bhith a' bruidhinn air seo fad an t-siubhail.

"Coinneamh às dèidh coinneimh, chan eil sin a' dèanamh sian de dh'fheum.

"Tha fhios aca dè dh'fheumas iad a dhèanamh," thuirt e.