Coimhearsnachd a' ceannach Coille Aigeis

  • 8 An Dùbhlachd 2014
Coilltearachd
Image caption Thèid an talamh a leasachadh a chùm maith eaconamaidh, àrainneachd agus beatha shòisealta na sgìre.

Thèid Coille Aigeis ann an Siorrachd Inbhir Nis a ghabhail thairis leis a' choimhearsnachd, às dèidh dhaibh taic-airgid fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Uile gu lèir, gheibh Coille Coimhearsnachd Aigeis £740,000 'son an talamh a cheannach bho Choimisean na Coilltearachd Alba.

Thòisich muinntir Shrath Ghlais Iaraich ag iomairt airson Coille Aigeis fhaighinn dhan choimhearsnachd nuair a dh'fhoillsich Coimisean na Coilltearachd ann a 2009 gun robh iad airson a reic.

Leigidh an granta bho Stòras Fearainn na h-Alba leotha a' choille gu lèir, còrr is 700 acair, a cheannach fo Sgeama Nàiseanta an Fhearainn Choillteil.

Thuirt Coille Coimhearsnachd Aigeis gun tèid an talamh a leasachadh ann an dòigh a bheir piseach air eaconamaidh, àrainneachd agus beatha shòisealta na sgìre.

Am measg na th' anns an amharc aca tha planaichean airson slighean-coise agus slighean baidhseagail a stèidheachadh.

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd agus an Leasachaidh Fhearainn, Aileen NicLeòid, gun robh i a' dèanamh fiughair ris na buannachdan a thigeadh à sealbh coimhearsnachd, agus i ag ràdh gun robh i tuilleadh is deònach cùl-thaic a thoirt do choimhearsnachdan eile a th' airson talamh a ghabhail thairis.