Buaidh a' Chogaidh Mhòir

  • 8 An Dùbhlachd 2014
"Dol Fodha na Grèine"
Image caption Coltach ri iomadach sgìre eile air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, thug an Cogadh Mòr buaidh mhòr air ceann a tuath Leòdhais

Tha cunntas ga thoirt air buaidh a' Chogaidh Mhòir air sgìre Nis ann an Leòdhas ann an leabhar ùr a dh'fhoillsich Comann Eachdraidh Nis ann an co-bhann le Acair.

Tha "Dol Fodha na Grèine" a' coimhead ris a' bhuaidh a bh' aig a' Chiad Chogadh air an sgìre eadar Nis agus Baile an Truiseil.

Chaidh 900 duine às an sgìre a shabaid anns a' chogadh, agus chaill 217 dhiubh sin am beatha.

A thuilleadh air foillseachadh an leabhair, chaidh taisbeanadh fhosgladh anns a' Chomann Eachdraidh cuideachd mun Chogadh Mhòr.

Fiosrachadh

Thuirt Anna NicSuain bhon Chomann Eachdraidh gu bheil tòrr fiosrachaidh ann fhathast mu dhaoine a bhuineadh dhan sgìre agus na thachair dhaibh tro bhliadhnaichean a' chogaidh.

"Bha sinn uabhasach fortanach gun robh sinn air agallamhan a dhèanamh le feadhainn a bh' anns a' Chiad Chogadh - bha 17 de dh'agallamhan againn le saighdearan agus seòladairean agus feadhainn eile le daoine a bh' aig an taigh a bha ro òg neo a bha nam boireannaich aig an taigh".

"Tha e dìreach iongantach na tha de dh'fhiosrachadh timcheall fhathast - litrichean a thàinig bho na balaich anns na trainnsichean agus litrichean a chaidh thuca. Na buinn, 's na h-innealan a bh' aca anns a' chogadh - tha e iongantach na thàinig ri chèile", thuirt i.

Buaidh a' Chogaidh

Coltach ri iomadach sgìre eile air feadh na dùthcha, thug an Cogadh Mòr buaidh mhòr air ceann a tuath Leòdhais le àireamh mhòr de dh'fhireanaich òga gan call.

Cha b' e beatha fhurasta a bha air fàire nas motha dhan fheadhainn a thill.

"Tòrr dhen fheadhainn a thill, bha iad a' faireachdainn ciontach gun d' fhuair iad tron Chogadh agus cha robh obraichean an seo an uair sin a bharrachd - ma 's e an cogadh airson crìoch a chur air cogaidhean air fad a bh' ann, cha b' e sin a bh' ann dhan eilean a tha seo co-dhiù".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile