Taghadh Chupa MhicAmhlaidh

  • 10 An Dùbhlachd 2014
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cupa MhicAmhlaidh 2014

Chaidh an taghadh a dhèanamh airson Chupa MhicAmhlaidh 2015.

'S ann eadar Bail' Ùr an t-Slèibh, a bhuannaich an fharpais an-uiridh, is Gleann Urchadain, a shoirbhich ann an 2012, a bhios an geama as inntinnich anns a' chiad chuairt, 's dòcha.

Rinn am Bail' Ùr an gnothach 2-1 air Caol Bhòid sa chuairt dheireannaich ann an 2014, a' chiad turas a bha iad air an cupa a thogail bho 1986.

Tòisichidh Caol Bhòid fhèin an iomairt aca san fharpais an aghaidh Ghlinne Urchaidh.

Tha cothrom ann gun coinnich iad ris na seann nàimhdean aca Inbhir Aora às ùr anns an darna chuairt ma gheibh iadsan seachad air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Mar as àbhaist 's ann aig Pàirc Mossfield san Òban a bhios a' chuairt dheireannach agus 's ann air an 22mh den Lùnasdal a bhios an geama.

Tha an taghadh air fad mar a leanas;

A' chiad chuairt

Eilean Bhòid - Camanachd an Òbain

Inbhir Aora - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

Caol Bhòid - Gleann Urchaidh

Celtic an Òbain - Baile a' Chaolais

An Gearasdan - Lòbhat

Cill Mhàillidh - Ceann Loch Seile

Ceann a' Ghiuthsaich - Loch Abar

Bail' Ùr an t-Slèibh - Gleann Urchadain

An dàrna cuairt

Eilean Bhòid / Camanachd an Òbain - Celtic an Òbain / Baile a' Chaolais

Inbhir Aora / Glaschu Meadhan Earra Ghàidheal - Caol Bhòid / Gleann Urchaidh

Cill Mhàillidh / Ceann Loch Seile - Bail' Ùr an t-Slèibh / Gleann Urchadain

Ceann a' Ghiuthsaich / Loch Abar - An Gearasdan / Lòbhat

An iar chuairt dheireannach

Eilean Bhòid / Camanachd an Òbain / Celtic an Òbain / Baile a' Chaolais - Inbhir Aora / Glaschu Meadhan Earra Ghàidheal / Caol Bhòid / Gleann Urchaidh

Cill Mhàillidh / Ceann Loch Seile / Bail' Ùr an t-Slèibh / Gleann Urchadain - Ceann a' Ghiuthsaich / Loch Abar / An Gearasdan / Lòbhat

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile