Seacaid an uisge-bheatha

  • 3 An Dùbhlachd 2014
Clò
Image caption Clò is uisge-beatha.

Chaidh seacaid chlò ùr a chruthachadh le fàileadh an uisge-bheatha oirre.

'S e Oilthigh Heriot Watt a dhealbh an clò.

A rèir choltais, tha faileadh mhic na braiche, faoineag òr, measan ruadh is teoclaid dorcha ann.

Thathas a' cumail a-mach gun glèidh an t-seacaid am faileadh fiù 's às dèidh dhi a dhol tron nigheadaireachd.

'S ann à co-obrachadhadh eadar Clò Mòr Innse Gall is Johnnie Walker a thàinig am beachd.

Aqua

'S e Aqua Alba a chuir iad air an fhàileadh is iad ag ràdh gu bheil e coltach ris a' chùbhras a tha a' tighinn às an uisge-bheatha an uair a tha e ann an gloinne.

"Bha Johnnie Walker ag obair còmhla ri perfumery ann an Lunnainn gus am faigheadh iad am fàileadh a bha iad ag iarraidh bhon chlò", thuirt Mairead Ann NicLeòid bho Chlò Mòr Innse Gall.

Ged a bhios cuid den bheachd gur e gluasad àraid dha-rìribh a th' ann, thathas an dòchas gun cuir e spionnadh a bharrachd ann an gnìomhachas a' Chlò Hearaich is gun toir e cothrom adhartas a dhèanamh tro cheangal ri gnìomhachas na dibhe.

"Tha sinn air a bhith ag obair còmhla riutha sa Ghrèig agus sa Bheilg, sin margaidean ùra dhuinn agus tha sinn a' dol a dh'fhaicinn dè tha a' tachairt anns na margaidean sin", thuirt Mairead Ann NicLeòid.

Theid an t-seacaid ùr fhoillseachadh gu h-oifigeil aig fèill ann am Berlin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile