Staing airgid aig NHS na Gàidhealtachd

  • 3 An Dùbhlachd 2014
Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd
Image caption Feumaidh NHS na Gàidhealtachd sàbhalaidhean a chur an sàs.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil iad dòchasach gun tèid aca air na cunntasan aca a chothromachadh ro dheireadh na bliadhna-ionmhais.

Chaidh innse do choinneimh den Bhòrd gu bheil iad ann an cunnart a bhith còrr is £8m thairis air a' bhuidseat aca.

Rinn Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba càineadh làidir air suidheachadh ionmhais a' Bhùird bho chionn ghoirid - agus iad ag ràdh gun robh na leabhraichean-cunntais aca ann am bùrach.

"Tha fios againn aig an ìre seo nam fàgadh sinn an gnothach mar a tha e gum biodh sinn mu £8m thairis air a' bhuidseat sa Ghiblean", thuirt stiùiriche meidigeach eadar-amail a' Bhùird, Rod Harvie.

"Chan eil sinn san t-suidheachadh sin an-dràsta, agus an rud a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh, 's e dòighean a lorg airgead a shàbhaladh gun buaidh a thoirt air cùram", thuirt e.

Dhearbh Mgr Harvie gu bheil an t-airgead a tha iad a' cosg air dotairean locum is luchd-obrach eadar-amail am measg nan roghainnean a bhios aca 'son airgead a chùmhnadh.

Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo gu bheil àrdachadh mòr air tighinn air na tha bùird-shlàinte na dùthcha a' cosg air dotairean locum.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile