Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seòras Osborne

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, ag ullachadh airson Òraid an Fhoghair air staid na h-eaconamaidh. 'S e seo am mìneachadh mu dheireadh air ionmhas na dùthcha ron taghadh choitcheann an ath-bhliadhna. Tha beachd ann gun can e gum feum an Riaghaltas cumail orra leis an t-slighe air a bheil iad leis an eaconamaidh. Ach tha na Làbaraich ag ràdh nach eil an Riaghaltas air an amas aca cur às do dh'easbhaidh na dùthcha a choileanadh.

An Stàit Ioslamach

Tha am Pentagon air dearbhadh gu bheil itealain chogaidh às Ioran air ionnsaighean adhair a thoirt air feachdan na Stàite Ioslamaich ann an Iorac. Chaidh Tehran agus Washington às àicheadh gun robh iad ag obair còmhla air a' chùis. Tha seo a' tighinn 's Rùnaire Stàite Aimeireaga, Iain Kerry, air àrd-choinneamh de cho-bhanntachd eadar-nàiseanta an aghaidh IS a chur gu dol.

Màthair is Naoidhean a Dhìth

Tha na Poilis ann am Bristol a' sireadh cuideachaidh 's iad a' coimhead airson màthair agus nighean bheag aice a tha ceithir là de dh'aois. Dh'fhàg Charlotte Bevan Ospadal Mhàthaireil Bhristol anmoch an-raoir còmhla ris a' bhèibidh. Cha robh còta aice no brògan, agus bha an naoidhean air a còmhdachadh a-mhàin ann am plaide.

Lorna NicDhòmhnaill

Tha Siorram air riaghladh gum faodadh bàs boireannaich anns na Hearadh a bhith air a sheachnadh nam biodh an luchd-fastaidh aice air a comhairleachadh gun siubhail. Chaochail Lorna NicDhòmhnaill, a bha 26, nuair a chaidh an càr aice far an rathaid ann an droch shìde beagan a deas air Horsacleit o chionn trì bliadhna. Anns a' cho-dhùnadh air rannsachadh tubaist bàsmhoir thuirt an Siorram, Daibhidh Mac an t-Sutharlannaich, gum faodadh a bàs a sheachnadh nan robh Bòrd Slàinte nan Eilean, dhan robh i ag obair, air am poileasaidh slàinte is sàbhailteachd a bh' aca a chur an sàs.

Pròiseact nan Ealan

Thàinig fios chun a' BhBC nach fhaigh Pròiseact nan Ealan airgead bho Alba Chruthachail airson nan trì bliadhna a tha romhainn. Thuirt Alba Chruthachail gun robh iad air coinneachadh ri Pròiseact nan Ealan mun chùis, a bhruidhinn air cothroman maoineachaidh eile. Bha a' bhuidheann air a bhith a' faighinn £235,000 sa bhliadhna.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Tha feadhainn a tha a' strì an aghaidh plana ospadal ùr dhan Eilean Sgitheanach, Loch Aillse, 's Taobh Siar Rois a thogail san Ath Leathann, a' dol a sgrìobhadh gu Rùnaire na Slàinte mun chùis. Tha an co-dhùnadh an urra ri Shona Robison, às dèidh do Bhòrd NHS na Gàidhealtachd taic a chur ris an-dè. Thuirt fear de chomhairlichean an eilein, Hamish Friseal, gum feum a h-uile duine a-nis a thighinn air cùlaibh na h-iomairt feuch gum faigh an sgìre an ìre sheirbheis as fheàrr as urrainn.

Bill Cosby

Tha boireannach am beachd cùis-lagha a thogail an an aghaidh a' chleasaiche Aimeireaganaich, Bill Cosby, 's i a' fàgail air gun tug e ionnsaigh dhrabasta oirre aig taigh mòr Playboy. Tha Judith Huth ag ràdh nach robh i ach 15 nuair a thachair an ionnsaigh. Tha dusan aithris eile de a sheòrsa gan cur às a leth. Tha e a' dol gu làidir às àicheadh nan aithrisean, agus cha deach riamh casaid a chur às a leth.