Ospadal
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ospadal ùr san Ath Leathann

3 An Dùbhlachd 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sgrìobhaidh luchd-iomairt ann an ceann a tuath an Eilean Sgitheanaich gu Rùnaire na Slàinte agus draghan mòra orra gun deach An t-Ath Leathann a thaghadh 'son làrach prìomh ospadal na sgìre.

Ghabh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ris a' mholadh Dimàirt ach tha luchd-strì ag ràdh nach robh a' cho-chomhairle phoblach cothromach, agus nach eil a' chùis seachad fhathast.

Theìd an co-dhùnadh deireannach a dhèanamh le Rùnaire na Slàinte.