Fàilte air moladh Coimisean a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn a thaobh Oighreachd a' Chrùin

  • 28 An t-Samhain 2014
Taobh a' Chaolais, Uibhist a Deas
Image caption Ma thèid le na mollaidhean bi tòrr buanachdan ann dha coimhearsnachdan ionadail.

Chuir Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, fàilte mhòr air an naidheachd gu bheil Coimisean a' Mhorair Mhic a' Ghobhainn air moladh na cumhachdan agus an teachd a-steach bho ghrunnd na mara a ghluasad gu Pàrlamaid na h-Alba.

Tha seo am measg grunn mholaidhean airson cumhachdan a bharrachd a ghluasad à Westminster an dèidh do phrìomh phartaidhean na Rìoghachd Aonaichte gealltanas a thoirt seachad ron an referendum gun dèanadh iad a leithid.

Gealltanas

Ged a tha soilleireachadh a dhìth a thaobh màl agus buannachdan bho chumhachd ath-nuadhachail, tha am Fear-gairm a' faicinn cothroman mòra ann a bhith a' toirt chumhachdan Oighreachd a' Chrùin a thaobh grunnd na mara thuca fhèin.

Gheall an seann Phrìomh Mhinistear, Ailig Salmond, gum biodh ceud às a' cheud de theachd a-steach a' dol dha na comhairlean ionadail, ma 's e is gu faigheadh Pàrlamaid na h-Alba smachd air grunnd na mara agus an oirthir.

Tha comhairlean eileanach air a bhith strì son bliadhnaichean son barrachd smachd fhaighinn air na buannachdan teachd a-steach agus na cumhachdan a th' aig Oighreachd a' Chrùin air na cladaichean mun timcheall.

Buannachdan

Thuirt am Fear-gairm, ma 's e is gu faighear smachd air grunnd na mara, gum biodh iadsan a' gabhail a-steach na h-iarratasan aig iasgairean, luchd-àrach èisg is duine sam bith eile a tha cleachdan na fairge mu thimcheall nan eilean son am bith-beò a dhèanamh no son cur-seachadan.

Bhiodh seo a' toirt cothrom co-dhùnaidhean a dhèanamh a bha toirt a-staigh na beachdan eadar-dhealaichte, 's bhiodh an t-ionmhas bho phròiseact sam bith air a chleachdadh son bun-structar agus leasachadh mu thimcheall na h-oirthir agus air pròiseactan co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail.

Clàr-ama

Feumaidh Pàrlamaid Westminster gabhail ris na molaidhean aig a' Choimisean mus tèid iad a chur an gnìomh.

Gheall am prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gun tèid pàipearan fhoillseachadh air na laghan ùra ro oidhche Bhurns san Fhaoilleach, son 's gu faigh Taigh nan Cumantan air sgrùdadh a dhèanamh orra.

Cha tèid na laghan a chur an gnìomh gu às dèidh an taghaidh choitcheann anns a' Chèitean 2015.