Aiseag
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Slaic air Còmhdhail Alba

27 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Comhairliche às an Rubha ann an Leòdhas ag ràdh gum bu chòir do dh'Àrd-oifigear Còmhdhail Alba an dreuchd fhàgail.

Dh'fhàg Alasdair MacLeòid air Dàibhidh Middleton gun robh a' bhuidheann ri "dearg neo-chomasachd" a thaobh is mar a tha iad air dèiligeadh ri obair a tha san amharc air an alt-aiseig aig Cidhe Ulapuil.

Tha sin a' tighinn agus Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir stad a chur air an obair gus an tèid co-chomhairle a dhèanamh mun ghnothach.