Faclan agus gnìomhan

  • 26 An t-Samhain 2014

'S e beul a labhras, gnìomh a dhearbhas.

Labhair Nicola Sturgeon fad leth uair a thìde san t-seòmar an-diugh agus i a' cur clàr-reachdais an riaghaltais aice air beulaibh nam ball.

Bha 12 bilean uile gu lèir, air foghlam, slàinte, ceartas agus eile.

Ach 's e ceartas sòisealta a bha aig cridhe nam planaichean a dh'fhoillsich am prìomh mhinistear ùr - da rèir fhèin co-dhiù.

Tha blas cudromach - agus bha blas air an òraid seo a bha gu math eadar-dhealaichte bho na chaidh roimhpe.

An taca ris na chlàir a dh'fhoillsich Ailig Salmond o 2007, chuala sinn barrachd an-diugh mu bhochdainn agus cothromachd.

Casaid

Sin a thuirt i - ach dè a nì i?

B' i a' chasaid a thog an Làbarach Jackie Baillie gun robh am blas taitneach gu leòr ach bha am brot fhèin car tana.

Mar a chuir i fhèin e, 's e riaghaltas a bha seo a bhiodh a' bruidhinn bhon làimh chlì ach a' coiseachd air an taobh dheis.

Tha fios aig Ms Baillie gu bheil an SNP a-nis ag amas air an luchd-bhòtaidh aicese agus, a rèir nan cunntasan-bheachd cò dhiù, tha adhbhar aice a bhith fo eagal.

Gu dearbh, anns na h-ochd mìosan deug ron ath thaghadh Albannach, fàsaidh an t-sabaid eadar an dà phàrtaidh airson luchd-taic na làimhe clì air leth cruaidh.

Thòisich an t-sabaid sin an-diugh.

2016

A bharrachd air na bilean a chuireas an riaghaltas air adhart am bliadhna, bha barrachd na leth-shùil aig Nicola Sturgeon air 2016.

Foillsichidh coimisean beachd air siostam cìse ionadail ùr an ath-bhliadhna - ann an deagh àm airson manifesto an SNP.

Gheall i cuideachd gun èirich buidseat an NHS gach bliadhna o 2016 air adhart - rud eile a nochdas anns an dearbh fhoillseachan.

Canaidh daoine gur e an riaghaltas a nì rudan agus chan urrainn do dhùbhlanaich ach bruidhinn.

'S e an fhìrinn a tha aca.

Ach às dèidh dhi labhairt an-diugh, 's iad na gnìomhan aig Nicola Sturgeon a thèid a mheasadh leis an t-sluagh an ceann ùine nach bi fada.