Ath-leasachadh "radaigeach" an fhearainn air fàire

  • 26 An t-Samhain 2014
Fearann
Image caption Cuiridh an Riaghaltas às do dh'ìrean cìse gnìomhachais do dh'oighreachdan seilge.

Dh'fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, planaichcean airson dèiligeadh ri uachdarain a tha a' cur bacadh air leasachadh seasmhach.

A' cur a' chiad phrògraim reachdais aice mu choinneimh na Pàrlamaid Albannaich, thuirt Ms Sturgeon gun robh ath-leasachadh an fhearainn fhathast na "ghnothach neo-chrìochnaichte".

Am measg nam planaichcean a dh'fhoillsich i, tha cumhachd a thoirt do mhinistearan an Riaghaltais gnothach a ghabhail ri suidheachaidhean far a bheil na tha de dh'fhearann aig uachdaran, no mar a tha uachdaran ga ghiùlain fhèin a' cur bacadh air leasachadh seasmhach.

Thèid cuideachd Coimisean Ath-Leasachaidh an Fhearainn a stèidheachadh.

Stòras Fearainn na h-Alba

Thèid sealbh an fhearainn a dhèanamh nas soilleire agus nas cunntachaile cuideachd, gus am bi fiosrachadh mu dheidhinn fearainn, a luach, agus cò leis a tha e, ri fhaotainn gu furasta don phoball ann an aon àite.

Thèid a dhèanamh cinnteach gun co-obraich buidhnean carthanais aig a bheil fearann le coimhearsnachdan ionadail.

Thèid cuideachd ìrean cìse gnìomhachais a thoirt air falbh bho oighreachdan seilge, mar phàirt de phlanaichean "radaigeach" gus ath-leasachadh an fhearainn a thoirt air adhart.

Thuirt Ms Sturgeon gun tèid an t-airgead a thig chun an Riaghaltais ri linn sin a chur ri Stòras Fearainn na h-Alba, ga leudachadh 200% bho £3m am-bliadhna, gu £10m sa bhliadhna bho 2016.

Tha an Riaghaltas ag amas gum bi 1,000,000 acair fearainn ann an làmhan choimhearsnachdan ro 2020.

Thuirt Ms Sturgeon gum feum fearann na h-Alba "a bhith na bhuanachd don mhòr-chuid, seach don bheag-chuid".

A thuilleadh air ath-leasachadh an fhearainn, tha na leanas cuideachd an lùib prògraim reachdais an Riaghaltais:

Bile Cìse na Coimhearsnachd, airson stad a chur air a bhith a' togail fhiachan bho dhaoine nach do phàigh a' Chìs Cheann.

Bile Foghlaim airson còirichean ùra a thoirt do chloinn a dh'fhaodadh a bhith feumach air tuilleadh taic.

Bile Riaghlaidh Àrd-Fhoghlaim, gus dèanamh cinnteach gu bheil buidhnean stiùiridh oilthighean deamocratach, tro-fhaicsinneach agus cunntachail.

Bile Slàinte Poblaich, gus a dhèanamh nas fhasa cur às do tharraing stuth tombaca agus e-toitean, le "dleastanas fosglachd", far a bheil daoine air droch dhìol, no dearmad fhulang.

Bile Luchd-Cùraim, gus taic agus guth a thoirt do luchd-cùraim a thaobh mar a tha seirbheisean gan dealbhachadh agus gan lìbhrigeadh.