Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Prògram Riaghaltais

Bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' foillseachadh a ciad phrògraim riaghaltais feasgar. Bidh tuilleadh ath-leasachaidh air siostam an fhearainn ann, agus amas air siostam cìse ùr a chur an àite na Cìse Comhairle. Bidh Ms Sturgeon a' bruidhinn cuideachd air a planaichean airson cùram cloinne nas fheàrr, agus cothromachd eadar boireannaich agus fir.

Eaconamaidh an Aonaidh Eòrpaich

Dh'fhoillsich Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean-Claude Junker, fiosrachadh mu phlana fo an tèid €300bn a chur ri brosnachadh eaconamach. Tha dùil gun tig a' mhòr-chuid den airgead sin bhon roinn phrìobhaidich le gealltanas gun gabh an t-Aonadh Eòrpach uallach airson cunnart sam bith co-cheangailte ris a' chiad ìre de phròiseactan.

Ferguson

Bha an dàrna oidhche de dh'àimhreit ann am baile Ferguson ann am Missouri anns na Stàitean Aonaichte far a bheil fearg air mòran den t-sluagh a tha a' gearain nach tèid casaidean an aghaidh oifigeir phoilis ghil a loisg le gunna agus a mharbh deugaire dubh nach robh armaichte. Chaidh 44 duine a chur an grèim.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Thèid innse do Bhòrd NHS na Gàidhealtachd an ath-sheachdain gur ann anns an Ath Leathann a tha mòr-chuid de mhuinntir an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse ag iarraidh ospadail ùir na sgìre. Seo na thàinig às a' cho-chomhairleachadh phoblach air seirbheisean slàinte na sgìre. Tha am pròiseas air a bhith connspaideach agus buidheann-strì ann an ceann a tuath an eilein teagmhach mun dòigh san deach an t-Ath Leathann a thaghadh mar an làrach as fheàrr leis a' Bhòrd, agus iad a' maoidheadh a dhol gu cùirt mu dheidhinn.

Bochdainn Connaidh

Tha Comhairle nan Eilean Siar air plana ullachadh airson rudeigin a dhèanamh mu bhochdainn connaidh na sgìre. Chaidh aithisg air beulaibh Chomataidh na h-Àrainneachd a' moladh taighean a dhèanamh dìonach, pàigheadh dhaoine àrdachadh, agus prìs a' chonnaidh a lùghdachadh.

Plèanaichean Thiriodh

Thuirt muinntir Thiriodh gun d' fhuair iad èisteachd mhath bho Chòmhdhail na h-Alba mun dragh a th' orra mu sheirbheisean adhair an dèidh do riochdaire na buidhne a bhith ann an Tiriodh an-raoir. Tha dragh ann mu dè thachras dhan t-seirbheis adhair nuair a thèid na h-itealain Twin Otter a tha a' frithealadh orra fhèin, Barraigh agus Ceann Loch Chille Chiarain fo òrdugh ùr PSO.