"£1 gach seachdain gus seirbheisean a dhìon"

  • 25 An t-Samhain 2014
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur romhpa fhèin £64m a ghearradh thar ceithir bliadhna.

Dh'iarr na neo-eisimeilich air Comhairle na Gàidhealtachd air muinntir na sgìre a dhol an sàs gus dìon a chur air seirbheisean a th' ann an cunnart bho na sàbhalaidhean a tha a' bhuidheann-riaghlaidh a' cur air adhart.

'S e co-bhanntachd eadar an SNP, na Lib Deamaich is na Làbaraich a th' ann sa bhuidhinn-riaghlaidh.

Thuirt na neo-eisimeilich gu bheil iad iomagaineach dha-rìribh mun bhuaidh a dh'fhaodadh sàbhalaidhean luach £64m a thoirt air sgoiltean is seirbheisean eile mar amaran-snàimh, leabharlainn is sailleadh nan rathaidean.

Dragh

Thog iad dragh gu sònraichte mu mholadh gus an là-sgoile a ghiorrachadh.

Dh'fhàg iad air a' bhuidhinn-riaghlaidh gu bheil iad a' cur air adhart gearraidhean gun a bhith a' meòrachadh air a' bhuaidh air coimhearsnachdan.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir poileasaidh Riaghaltas na h-Alba gus a' chìs-chomhairle a reòthadh a-nise a chur an dàrna taobh agus a' chìs aig Bann C mar-eisimpleir a chur suas £1 san t-seachdain sa chumantas.

£5m

Thuirt iad gum faodadh an gluasad sin £5m a thogail dhan Chomhairle.

Ged a dh'fheumadh iad £3.5m den t-suim sin a phàigheadh dhan Riaghaltas airson a' chìs-chomhairle a chur suas, thuirt na neo-eisimeilich gum bu chòir iarraidh air an Riaghaltas an t-airgead sin a chosg gu maith muinntir na Gàidhealtachd.

Thuirt na neo-eisimeilich gu bheil daoine air innse dhaibh gum biodh iad deònach airgead a bharrachd a phàigheadh gus seirbheisean a tha cudromach do chloinn agus dhan choimhearsnachd a ghlèidheadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile