Aodainn ùra aig a' bhòrd

  • 24 An t-Samhain 2014

Cha robh fios aig co-dhiù aon neach a fhuair dreuchd ann an caibineat ùr Nicola Sturgeon gu madainn Dihaoine fhèin.

Mar as trice, nuair a thèid crathadh a chur air an riaghaltas bidh fathanan a' dol mun cuairt ach an turas-sa bha a h-uile rud sàmhach.

A rèir coltais, cha robh fios fiù 's aig na dràibhearan - a chluinneas a h-uile càil - cò a gheibheadh agus cò a chailleadh cosnadh.

Bha làn dùil gum falbhadh Coinneach MacAsgail, a bha an sàs ann an sreath de dheasbadan connspaideach, air co-dhearbhadh, cumhachd nam poileas agus eile.

Chan eil fhios fhathast an gabh Rùnaire ùr a' Cheartais, Mìcheal Matheson, cùrsa ùr air na rudan seo.

Ach dè mu dheidhinn Mhìcheil Ruiseil?

Earbsach

Tha cliù aig Mgr Ruiseal airson obair eifeachdach a dhèanamh aig roinn an fhoghlaim o ghabh e an stiùir o Fiona Hyslop.

Ach is coltach gun do thuig e gun robh an t-àm aige aig bòrd a' chaibineit seachad.

Bidh Nicola Sturgeon earbsach gun dèan Angela Constance obair mhath na dreuchd ùir.

Ach thuigeadh na seann saighdearan gum b' fheudar don phrìomh mhinistear ùr sealtainn gun robh cùisean air atharrachadh, agus gun robh e cudromach dhi tomhas fhaighinn eadar boireannaich agus fireannaich.

Taobh a-muigh dhen chaibineat tha Derek MacAoidh (seann mhinistear an riaghaltais ionnadail, chan e an craoladair) air tiotal mar Mhinistear nan Eilean fhaighinn às dèidh na h-obrach a rinn e air cumhachdan nan eilean ron referendum.

Leis an sgiopa aice na h-àite, tha bliadhna gu leth aig Nicola Sturgeon mus bi aig an t-sluagh ri beachd a thoirt seachad.