Tagradh ùr mu mhurt Inbhir Narann

  • 24 An t-Samhain 2014
Alasdair MacUilleim Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh Alasdair MacUilleim a mhurt air stairsnich a dhachaigh ann an Inbhir Narann

Rinn na Poilis tagradh ùr 'son fiosrachaidh mu mhurt a' bhancair, Alasdair MacUilleim, is 10 bliadhna bho chaidh a mhurt.

Chaidh losgadh air Mgr MacUilleim, a bha 30, air stairsnich an taighe aige fhèin ann an Inbhir Narann air an 28mh den t-Samhain 2004.

Bha e air a dhol chun an dorais a bhruidhinn ri fear air an robh ad baseball 's a thug dha cèis mus deach losgadh air.

Anns na làithean às dèidh na h-ionnsaigh, chuir na Poilis iomairt mhòr air chois.

Fhuair iad an gunna a chaidh a chleachdadh ann an drèana faisg air dachaigh a' bhancaire.

Peilearan

Fhuaireas gun deach a dhèanamh sa Ghearmailt bho chionn 60 bliadhna, 's gur ann bho Phoblachd nan Seiceach a bha na peilearan a chaidh a chleachdadh.

Deich bliadhna bho bha am murt ann ge-tà, 's a dh'aindeoin nam milleanan a chaidh a chosg agus na mìltean dhaoine ris an deach bruidhinn, 's e sin uidhir 's a tha aithnichte le cinnt mu na thachair.

Aig coinneamh fiosrachaidh Diluain, thuirt na Poilis gu bheil iad cho dealasach 's bha iad a-riamh nan oidhirp am murtair a lorg.

Thèid a-nise sgrùdadh a dhèanamh air gach pìos fianais a fhuair iad an co-cheangal ris a' chùis.

Thuirt Crimestoppers gu bheil duais de £5,000 ann fhathast 'son fiosrachaidh a bheir fuasgladh air a' chùis

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile