Isles FM
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Isles FM a' sireadh airgid

21 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Feumaidh an stèisean rèidio coimhearsnachd, Isles FM, na mìltean notaichean a thionail ann an cabhag ma tha iad airson fuireach air an eadhair.

Tha an stèisean eileanach a' sireadh taic an t-sluaigh airson cead craolaidh ùr a cheannach, a mhaireas airson dusan bliadhna.

Ach ged a tha £1,000 sa bhanca mar thà, chan eil ach cola-deug air fhàgail aca airson an £5,000 eile a tha a dhìth orra a thogail.

Tha an aithiris seo aig Ruairidh Rothach.