Bàt-aiseig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Còmhraidhean gan iarraidh le Cal Mac

21 An t-Samhain 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba còmhraidhean a stèidheachadh eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Cal Mac, agus dragh ann gu bheil seirbheis aiseig Steòrnabhaigh gu bhith na butrais eadar an Gearran 's an Giblean.

Le cidhe Ulapuil gu bhith dùinte do chàraichean fad sia seachdainnean, tha Cal Mac air clàr-seòlaidh fhoillseachadh airson aiseig charabadan eadar Steòrnabhagh agus Ùige san Eilean Sgitheanach.

Ach cha bhi ann ach aon sheòladh san là, le cuid dhiubh air an oidhche, agus tha gnìomhachasan ag ràdh gun adhbharaich sin call dhaibh.

Seo Aonghas Dòmhnallach.